I
A nighean a’ chùil ruaidh òir,
fada bhuat, a luaidh, mo thòir;
a nighean a’ chùil ruaidh òir,
gur fada bhuatsa mo bhròn.
Mi nochd air linne Ratharsair
’s mo làmh air an stiùir,
a’ ghaoth gu neo-airstealach a’ crathadh an t-siùil,
mo chridhe gu balbh, cràiteach an dèidh do chiùil,
an là an-diugh ’s a-màireach coingeis ri mo dhùil.
Ciar an ceò èalaidh air Dùn Cana,
frionasach garbh-shliabh is canach,
a’ ghaoth an iar air aghaidh mara,
dh’fhalbh mo dhùil is dùiseal tharam.
Am bristeadh geal gu làr an tuinn,
a’ ghaoth ’na sgal mu bhàrr a’ chroinn,
ach sèideadh sgal, chan eil mo shuim
ri cath a dhùisgeas air muir luim.
A nighean a’ chùil ruaidh òir,
fada bhuat, a luaidh, mo thòir;
a nighean a’ chùil ruaidh òir,
gur glè fhada bhuat mo bhròn.
title | I |
internal date | 1940.5 |
display date | 1931–41 |
publication date | 2002 |
level | |
reference template | MacLean Dàin do Eimhir %p |
parent text | Dàin do Eimhir |