XIII
Dom shùilean-sa bu tu Deirdre
’s i bòidheach sa bhuaile ghrèine;
bu tu bean Mhic Ghille Bhrìghde
ann an àilleachd a lìthe.
Bu tu nighean bhuidhe Chòrnaig
is Mairearad an Amadain Bhòidhich,
an Una aig Tómas Làidir,
Eimhir Chù-chulainn agus Gràinne,
bu tu tè nam mìle long,
ùidh nam bàrd is bàs nan sonn,
’s bu tu an tè a thug an fhois
’s an t-sìth bho chridhe Uilleim Rois,
an Audiart a bhuair De Born
agus Maebhe nan còrn.
Agus ma ’s eadh is fìor gun d’ ràinig
aon tè dhiubhsan t’ àilleachd,
tha fhios gum b’ ann le spiorad gràsmhor
air a dhealbh an aghaidh àlainn.
Agus uime sin bu chòir dhomh
’n Dàn Dìreach a chur air dòigh dhut
a ghlacadh gach uile bhòidhchead
a las mac-meanmna na h-Eòrpa.
Bu chòir nochdadh ’na iomchar
dianas na Spàinne gu h-iomlan,
geur-aigne na Frainge is na Grèige,
ceòl na h-Albann ’s na h-Èireann.
Bha còir agam gach uile èifeachd
a thug Lochlann is Èire
is Alba àrsaidh do mo dhaoine
a chur cuideachd an caoine
agus an ìobairt don ioghnadh
tha geal dealbhte an clàr t’ aodainn.
Agus a chionn nach mise aon diubh –
Mac Ghille Bhrìghde no Naoise,
Tómas Ua Custuil no MacDhòmhnaill,
Bertrans no ’n t-Amadan Bòidheach,
Cù-chulainn no Fionn mòr no Diarmad – ’s e mo chàs-sa an iargain
a ghabhas spiorad nam bàrd cianail
a ghlacadh anns na ranna pianta,
a thogail ’s a chumail mar a b’ àill leam
dìreach, cuimir anns an dàn dhut,
sean agus ùr is lànmhor,
cumadh is meanmna gach àilleachd;
còmhla an ìomhaigh an èibhneis,
luathghaireach, domhainn, leugach,
geur-aigne na Frainge ’s na Grèige,
ceòl na h-Albann is na h-Èireann.
title | XIII |
internal date | 1940.5 |
display date | 1931–41 |
publication date | 2002 |
level | |
reference template | MacLean Dàin do Eimhir %p |
parent text | Dàin do Eimhir |