XIV
Reic Anama
Bàrd a’ strì ri càs an t-saoghail,
siùrsachd bhuadhan is an daorsa
leis na mhealladh mòr-roinn dhaoine,
cha mhise fear a chanadh, shaoil leam,
gun tugadh reic an anama faochadh.
Ach thubhairt mi rium fhìn, ’s cha b’ aon-uair,
gun reicinn m’ anam air do ghaol-sa
nam biodh feum air brèig is aomadh.
Thubhairt mi an deifir sin gun smaointinn
gum b’ e an toibheum dubh ’s an claonadh.
Do mhaitheanas dhomh airson na smuaine
gum b’ thusa tè a ghabhadh truaghan
de spiorad beag lag suarach
a ghabhadh reic, eadhon air buadhan
t’ aodainn àlainn ’s do spioraid uallaich.
Uime sin, their mi rithist, an-dràsta,
gun reicinn m’ anam air do sgàth-sa
dà uair, aon uair airson t’ àilleachd
agus uair eile airson a’ ghràis ud,
nach gabhadh tu spiorad reicte tràilleil.
title | XIV – Reic Anama |
internal date | 1940.5 |
display date | 1931–41 |
publication date | 2002 |
level | |
reference template | MacLean Dàin do Eimhir %p |
parent text | Dàin do Eimhir |