[61]

XVI

Carson a bhithinn-sa dligheach
air an roghainn de chòmhradh?
Ciamar idir a thachair
leithid de thabhartas dhòmhsa?
Ciamar idir a fhuair mi
an crath luasgain an t-saoghail
a leithid de fhortan
air fhosgladh rim thaobh-sa?


[63]

an spàirn air achuibhle
thug muidhe air uachdar?
Eadhon aon oidhche
thoill mi debuaidh-se?
Ciamar idir a thàinig
am measg ànradh mo chuairt-sa
gun deach mo mhiann agus meanchainn
gu meanmnach ri luathghair?

A nighean, a nighean,
tubaist aghàire
rinn fanaid air taghaidh
ghil fhoinnidh àlainn?
chuir thu rim thaobh-sa
far an do shaoil mi a bha thu?
thug dhomhsa aon oidhche
glòir aoibhneach do ghàire?

A nighean, a nighean,
tha breisleach an tionndaidh,
tha iomairt na cuibhle
air mo ruidhleadh le ionndrainn:
ciamar idir a thàrr mi
air a bàrr-se le iomchar,
ged nach drinn mi ach tuiteam
gu clis is gu h-iomlan?

Bu mhiann leam an aisling
ge be aisling a bhann dith:
bu mhiann an t-aiteal
de aiteas an allacheo:
ach idir chuir tfhaileas,
a nighean ruadh gheal, ann?
Cha robh agad fiùs fathann
air filidhean Albann.

titleXVI
internal date1940.5
display date1931–41
publication date2002
level
reference template

MacLean Dàin do Eimhir %p

parent textDàin do Eimhir
<< please select a word
<< please select a page