XVII
Lìonmhoireachd anns na speuran,
òr-chriathar milleanan de reultan,
fuar, fad às, lòghmhor, àlainn,
tostach, neo-fhaireachdail, neo-fhàilteach.
Lànachd an eòlais man cùrsa,
failmhe an aineolais gun iùl-chairt,
cruinne-cè a’ gluasad sàmhach,
aigne leatha fhèin san àrainn.
Chan iadsan a ghluais mo smaointean,
chan e mìorbhail an iomchair aognaidh,
chan eil a’ mhìorbhail ach an gaol dhuinn,
soillse cruinne an lasadh t’ aodainn.
title | XVII |
internal date | 1940.5 |
display date | 1931–41 |
publication date | 2002 |
level | |
reference template | MacLean Dàin do Eimhir %p |
parent text | Dàin do Eimhir |