[65]

XVIII

Ùrnaigh

A chionn nach eil Dia ann
agus a chionn nach eil Crìosda
achna fhaileas faoin sgialachd,
chan eil ann ach: Dèanam làidir
maigne fhìn an aghaidh àmhghair.

Oir chunnaic mi an Spàinn caillte,
sealladh a rinn mo shùilean saillte,
agus gaoir a chuir maille
air iomchar mo chridhe àrdain
le neoinitheachd is bàs nan sàr-fhear.

Chì sinn a-rithist an-dràsta
claoidh cridhes bàs an àrdain
agus neoinitheachd neo-àghmhor
anns gach dòchas treun faoilidh
len sgarar sinn bhon bhàs aognaidh.


[67]

Bha seo aig Cornford ògna ghaisge,
eagal smuain a ghaoil bhith faisg air
nuair bha an Spàinnna latha-traisg dha,
eagal a challa air an duine,
eagal an eagail air achuraidh.

an t-eagal a bhios ormsa
ro thuiltean aognaidh an onfhaidh
a-nis on chuala mi am monmhar?
Theirear gum faicear trom-laighe,
am bàss aghort atachdadh aighir;

gum faicear aghort air na raointean,
an eislig chumhachdachna caoile,
a bheir abheatha is an gaol bhuainn,
a leagas sìos a dhionnsaigh uaghach
le acras is eu-dòchas neo-uallach.

Ach saoil sibh an dèan mi ùrnaigh
rim spiorad fhìn an aghaidh mùidhe,
stad mo chridhe, dalladh shùilean?
An guidh mi do ghaol bhith air a shracadh
à friamhaichean mo chridhe thachdte?

An iarr mi mo chridhe bhith glainte
bho anfhannachd mo ghaoil ghlain ghil,
an iarr mi spiorads e air fhaileadh
eadhon gum faighear anns abhoile mi
cho treun ri Dimitrov no ri O Conghaile?

Tha mi atuigsinn an-dràsta
gun tàinig lìonsgaradh sa chàs seo,
gleac achinne-daonna neo-bhàsmhoir:
an neach mu choinneamh roghainn sàr-chruaidh,
bàs sa bheatha bhiothbhuain no beatha bhàsail.

Mo bheatha-sa abheatha bhàsail
a chionn nach dfhail mi cridhe mo shàth-ghaoil,
a chionn gun tug mi gaol àraidh,
a chionn nach sgarainn do ghràdh-sa
s gum bfheàrr leam boireannach nan Eachdraidh fhàsmhor.


[69]

Chunnaic min fhuil chraobhach ag èirigh,
tein-aighir an spioraid air na slèibhtean,
an saoghal truagh acall a chreuchdan:
thuig is thùr mi fàth an langain
ged nach robh mo chridhe air fhaileadh.

Esan dha bheil an cridhe air ionnlaid,
thèid e tro theine gun tionndadh,
dìridh e bheinn mhòr gun ionndrainn;
cha dfhuair mise leithid de dhanam
s mo chridhe ach air leth-fhaileadh.

S en ùrnaigh seo guidhe na duilghe,
an guidhe toibheumach neo-iomlan,
guidhe cam coirbte an tionndaidh,
an guidhe gun dèan mi guidhe,
gun guidhen t-susbaint a ruigheachd.

Chuala mi mu bhàs neo-aoibhneach
agus mu acras gorta oillteil
atighinn an tòrachd na foille.
Ciamar a sheasas mi rim marc-shluagh
s gun mo chridhe ach leth-fhailte?

An uair than spiorad air fhaileadh,
caillidh e gach uile fhaileas,
caillidh e gach uile fhannachd.
Ach a ghabhas air mo gheal ghaol
aomadh, fannachd no faileas?

Cha ruigear a leas ceistear no sgrùdair
a dhfhaicinn nach eilnam ùrnaigh
aGhairm Èifeachdach non Dùrachd,
s ged tha mi soilleir anns an fhìrinn
nach eil mo spiorad aon-fhillte.

A chionn nach cuirear coire air diathan,
nach eil achnam faileas iarraidh,
agus a sheachnadh an duine Crìosda,
chan eil mo chaomhachd ris an Nàdar
a thug an tuigse shoilleir shlàn dhomh,
an eanchainn shingiltes an cridhe sgàinte.

titleXVIII – Ùrnaigh
internal date1940.5
display date1931–41
publication date2002
level
reference template

MacLean Dàin do Eimhir %p

parent textDàin do Eimhir
<< please select a word
<< please select a page