XIX
Thug mise dhut biothbhuantachd
is dè thug thu dhòmhsa?
Cha tug ach saighdean
geura do bhòidhchid.
Thug thu cruaidh shitheadh
is treaghaidh na dòrainn,
domblas an spioraid,
goirt dhrithleann na glòire.
Ma thug mise dhut biothbhuantachd
’s tusa thug dhòmhs’ i;
’s tu gheuraich mo spiorad
’s chuir an drithleann ’nam òran;
’s ged rinn thu mo mhilleadh
an tuigse na còmhraig,
nam faicinn thu rithist
ghabhainn tuilleadh ’s an còrr dheth.
Nam faicinn mum choinneamh
air magh Tìr na h-Òige
an dèidh dìochuimhn’ mo dhragha
clàr foinnidh do bhòidhichid,
b’ fheàrr leam an siud e
ged thilleadh mo bhreòiteachd,
’s na suaimhneas an spioraid
mi rithist bhith leòinte.
A nighean bhuidhe àlainn
’s ann shrac thu mo threòir-sa
agus dh’fhiaraich mo shlighe
bho shireadh mo thòrachd;
ach ma ruigeas mi m’ àite,
coille àrd luchd nan òran,
’s tu grìosach an dàin dhomh,
rinn thu bàrd dhiom le dòrainn.
Thog mi an calbh seo
air beinn fhalbhaich na tìme
ach ’s esan clach-chuimhne
a bhios suim dheth gu dìlinn,
is ged bhios tusa aig fear-pòsta
is tu gun eòl air mo strì-sa,
’s e do ghlòir-sa mo bhàrdachd
an dèidh cnàmhachd do lìthe.
title | XIX |
internal date | 1940.5 |
display date | 1931–41 |
publication date | 2002 |
level | |
reference template | MacLean Dàin do Eimhir %p |
parent text | Dàin do Eimhir |