[45]

II

A Chiall ’s a Ghràidh

Ma thubhairt ar cainnt gu bheil achiall
co-ionann ris aghaol,
chan fhìor dhi.

Nuair dhearc mo shùil air taodann
cha do nochd e ciall aghràidh,
cha do dhfheòraich mi mun trian ud.


[47]

Nuair chuala mi do ghuth cha drinn
en roinneadh seonam chrè;
cha drinn achiad uair.

Ach dhiùchd siud dhomh gun aithne dhomh
is reub e friamh mo chrè,
gam sguabadh leisna shiaban.

Leis na bha dhomh de bhreannachadh
gun d’ rinn mi faileas strì;
gun d’ rinneadh gleac lem chèill.

Bho dhoimhne an t-seann ghliocais seo
’s ann labhair mi rim ghaol:
Cha diù liom thu, cha diù bhuam.

Air an taobh a-staigh mo ghaol,
mo thuigse air an taobh ghrinn,
is bhristeadh a’ chòmhla bhaoth.

Is thubhairt mo thuigse ri mo ghaol:
Cha dhuinn an dùbailteachd:
tha ’n coimeasgadh sa ghaol.

an cèitean 1932

titleII – A Chiall ’s a Ghràidh
internal date1940.5
display date1931–41
publication date2002
level
reference template

MacLean Dàin do Eimhir %p

parent textDàin do Eimhir
<< please select a word
<< please select a page