[75]

XXII

Choisich mi cuide ri mo thuigse
a-muigh ri taobh achuain;
bha sinn còmhla ach bha ise
afuireach tiotan bhuam.

An sin thionndaidh i ag ràdha:
A bheil e fìor gun cual
thu gu bheil do ghaol geal àlainn
apòsadh tràth Diluain?

Bhac min cridhe bhag èirigh
nam bhroilleach reubte luath
is thubhairt mi: Tha mi cinnteach;
carson bu bhriag e bhuam?

Ciamar a smaoinichinn gun glacainn
an rionnag leugach òir,
gum beirinn oirres gun cuirinn i
gu ciallachna mo phòc?

Cha dghabh mise bàs croinn-ceusaidh
an èiginn chruaidh na Spàinn
is ciamar sin bhiodh dùil agam
ri aon duais ùir an dàin?


[77]

Cha do lean mi ach an t-slighe chrìon
bheag ìosal thioram thlàth,
is ciamar sin a choinnichinn
ri beithir-theine ghràidh?

Ach nan robhn roghainn rithist dhomh
s mim sheasamh air an àird,
leumainn à nèamh no iutharna
le spiorads cridhe slàn.

titleXXII
internal date1940.5
display date1931–41
publication date2002
level
reference template

MacLean Dàin do Eimhir %p

parent textDàin do Eimhir
<< please select a word
<< please select a page