XXIII
Bodhar, neo-shuaimhneach, am feirg,
àmhghar an cridhe na mòrachd,
binneas ceòl camhanaich nan eun,
òg-mhadainn ceòl Bheethoven.
A luaidh, anns an talla dhlùth,
balbh fo ealain ùir an t-sàr-fhir,
dhiùchd còmhla fa chomhair mo rùin
gathadh a’ chiùil is t’ àilleachd.
A nighean, a nighean bhàn,
dh’fhilleadh an ceòl mòr ’nad àilleachd,
shuaineadh a’ chòisir ’nad loinn,
bhàrc an taigh mòr lem ghràdh-sa.
Dhùin mo shùilean ris a’ cheòl
a bha air tòrachd an èibhneis,
dhiùchd Diana an cloich chaoimh
agus Deirdre taobh Loch Èite.
B’ e t’ ìomhaigh-sa agus an ceòl
a chruinnich còmhlan nan leugach,
chuir Deirdre do Ghleann Da Ruadh,
Diana an ruaig nan Greugach.
Nighean, a nighean mo luaidh,
b’ e aoibhneas a’ chiùil mhòir t’ aodann,
Beethoven agus Maol Donn
air magh lom cridhe sgaoilte.
Bodhar, neo-shuaimhneach, am feirg,
àmhghar, allaban a’ Cheòlraidh:
geal, àlainn, le uaill chiùin
an nighean ùr ’na bòidhche.
An cuirear gu cuimir suas
anns a’ chochur cluaineas saoghail,
ànradh an duine mhòir ’s an truaigh
agus ciùin luathghair t’ aodainn?
An dèanar an cochur dhen dàn,
de thruaighe ’s de ghlòir na cruinne,
a’ bhrèine bhreòite oillteil thruagh,
t’ àilleachd is uaisle luinneag?
Thachd an fhiabhras ioma truagh
is dh’fhàg i ioma athair breòite,
ach dh’fhàg ceòl cumha Phàdraig Mhòir
àmhghar a chloinne glòrmhor.
Bhàsaich an truaighe gun sgleò
leanabh is seann duine còmhla,
ach cha dàinig ceòl no dàn
a chur àilleachd air dòrainn.
Deirdre ghuanach anns an uaigh,
anns an t-sìorraidheachd gun shireadh,
agus mo ghaol sa chòisir mhòir
buadhmhor thar luathghair filidh.
Cha dèanar an cochur dhen chàs,
glòir agus ànradh na cruinne,
an èitig fhiabhrais ’s Pàdraig Mòr,
daorsa, Beethoven is thusa.
Bodhar, neo-shuaimhneach, am feirg,
ceòl binn, gailleanach, ciùin, glòrmhor,
geal, àlainn, socair, gun aon ghiamh,
gun bharrachd fiamh do bhòidhche.
title | XXIII |
internal date | 1940.5 |
display date | 1931–41 |
publication date | 2002 |
level | |
reference template | MacLean Dàin do Eimhir %p |
parent text | Dàin do Eimhir |