XXIV
Nuair thuirt thu nach robh bhòidhche
ach cosamhlach is le fàiling
’s ann bha mise smaointinn:
Saoil, òinseach àlainn,
an cainte sin ri Naoise
nuair thaobh e Earra-Ghàidheal?
title | XXIV |
internal date | 1940.5 |
display date | 1931–41 |
publication date | 2002 |
level | |
reference template | MacLean Dàin do Eimhir %p |
parent text | Dàin do Eimhir |