[83]

XXVIII

Na Samhlaidhean

Nan robh mi air do ghaol fhaotainn
theagamh nach biodh aig mo dhàintean
an t-sìorraidheachd fhalamh fhàsail,
abhiothbhuantachd a tha an dàn dhaibh.
S ann, a ghaoil, bho na taobhan
fad às, cianail a bhios an glaodhaich,
ag iargain, ag èigheach air do ghaol-sa.
Gabhaidh iad mullaichean nan àrd-bheann
ghinealach, asìor rànaich,
asìor iargain do ghràidh-sa,
asìor dhèanamh luaidh air tàilleachd:
falbhaidh iad nochdta air sràidean
na h-Eachdraidh agus na Bàrdachd:
chithear iad air rathaidean àrda
nan cridheachan asìor mhàrsail:
tachraidh iad anns an oidhche
ris na bàirdnan suaineadh loinn-gheal:
ni iad caithris solas choinnleir;
cha mhùch bristeadh fàirem boillsgeadh.
Seasaidh iad mun chiste-laighe
far a bheil achrèna laighe,
crè ghlas gaol nam bàrd gun aighear:
seasaidh iad thar na h-uaghach,
gun rudhadh, glaisneulach an gruaidhean.

Falbhaidh iadnan ròs air slèibhtean
far bheil grian nam bàrd ag èirigh.

titleXXVIII – Na Samhlaidhean
internal date1940.5
display date1931–41
publication date2002
level
reference template

MacLean Dàin do Eimhir %p

parent textDàin do Eimhir
<< please select a word
<< please select a page