XXXII
Sgatham le faobhar-roinn gach àilleachd
a chuir do bhòidhche ’nam bhàrdachd,
’S dèanam dàin cho lom aognaidh
ri bàs Liebknecht no daorsa;
loisgeam gach meanglan craoibhe
a dh’fhàs aoibhneach thar duilghe
’s cuiream diachainn an t-sluaigh
an iarann-cruadhach mo dhuain.
title | XXXII |
internal date | 1940.5 |
display date | 1931–41 |
publication date | 2002 |
level | |
reference template | MacLean Dàin do Eimhir %p |
parent text | Dàin do Eimhir |