XXXIV
An uair a labhras mi mu aodann
agus mu spiorad geal mo ghaoil ghil
’s ann a theireadh neach nach d’ ràinig
mo shùilean dalla air a’ chàthar,
air a’ bhoglaich oillteil ghrànda
sa bheil a’ bhùirdeasachd a’ bàthadh:
ach chunnaic mi bho àird a’ Chuilithinn
gathadh glòir is breòiteachd duilghe:
chunnaic mi òradh lainnir grèine
agus boglach dhubh na brèine:
’s eòl dhomh seirbheachd gheur an spioraid
nas fheàrr na aoibhneas luath a’ chridhe.
title | XXXIV |
internal date | 1940.5 |
display date | 1931–41 |
publication date | 2002 |
level | |
reference template | MacLean Dàin do Eimhir %p |
parent text | Dàin do Eimhir |