XXXVIII
Labhair mi mu reic anama
air do sgàth, a ghaoil:
toibheum, toibheum, toibheum grànda,
toibheum ràbhain bhaoith:
an t-anam a reicteadh air do sgàth-sa,
chan e a dh’fhàsadh saor,
an t-anam a reicteadh air do sgàth-sa,
’s ann dh’fhàsadh e daor.
title | XXXVIII |
internal date | 1940.5 |
display date | 1931–41 |
publication date | 2002 |
level | |
reference template | MacLean Dàin do Eimhir %p |
parent text | Dàin do Eimhir |