[49]

IV

A nighean achùil bhuidhe, throm-bhuidh, òr-bhuidh,
fonn do bheòil-sas gaoir na h-Eòrpa,
a nighean gheal chasarlach aighearach bhòidheach,
cha bhiodh masladh ar latha-ne searbhnad phòig-sa.

An tugadh tfhonn no tàilleachd ghlòrmhor
bhuamsa gràinealachd mharbh nan dòigh seo,
abhrùids am meàirleach air ceann na h-Eòrpa
s do bhial-sa uaill-dhearg san t-seann òran?

An tugadh corp geal is clàr grèine
bhuamsa cealgaireachd dhubh na brèine,
nimh bhùirdeasach is puinnsean crèide
is dìblidheachd ar n-Albann èitigh?

An cuireadh bòidhchead is ceòl suaimhneach
bhuamsa breòiteachd an adhbhair bhuain seo,
am mèinear Spàinnteach aleum ri cruadal
isanam mòrail dol sìos gun bhruaillean?

bhiodh pòg do bheòil uaibhrich
mar ris gach braon den fhuil luachmhoir
a thuit air raointean reòta fuara
nam beann Spàinnteach bho fhòirne cruadhach?

gach cuach ded chual òr-bhuidh
ris gach bochdainn, àmhghars dòrainn
a thigs a thàinig air sluagh na h-Eòrpa
bho Long nan Daoine gu daorsamhòr-shluaigh?

titleIV
internal date1940.5
display date1931–41
publication date2002
level
reference template

MacLean Dàin do Eimhir %p

parent textDàin do Eimhir
<< please select a word
<< please select a page