XLII
Tràighean
Nan robh sinn an Talasgar air an tràigh
far a bheil am bial mòr bàn
a’ fosgladh eadar dà ghiall chruaidh,
Rubha nan Clach ’s am Bioda Ruadh,
sheasainn-sa ri taobh na mara
ag ùrachadh gaoil ’nam anam
fhad ’s a bhiodh an cuan a’ lìonadh
camas Thalasgair gu sìorraidh:
sheasainn an siud air lom na tràghad
gu ’n cromadh Priseal a cheann àigich.
Agus nan robh sinn cuideachd
air tràigh Chalgaraidh am Muile,
eadar Alba is Tiriodh,
eadar an saoghal ’s a’ bhiothbhuan,
dh’fhuirichinn an siud gu luan
a’ tomhas gainmhich bruan air bhruan.
Agus an Uibhist air tràigh Hòmhstaidh
fa chomhair farsaingeachd na h-ònrachd,
dh’fheithinn-sa an siud gu sìorraidh
braon air bhraon an cuan a’ sìoladh.
Agus nan robh mi air tràigh Mhùideart
còmhla riut, a nodhachd ùidhe,
chuirinn suas an cochur gaoil dhut
an cuan ’s a’ ghaineamh, bruan air bhraon dhiubh.
’S nan robh sinn air Mol Steinnseil Stamhain
’s an fhairge neo-aoibhneach a’ tarraing
nan ulbhag is gan tilgeil tharainn,
thogainn-sa am balla daingeann
ro shìorraidheachd choimhich ’s i framhach.
title | XLII – Tràighean |
internal date | 1940.5 |
display date | 1931–41 |
publication date | 2002 |
level | |
reference template | MacLean Dàin do Eimhir %p |
parent text | Dàin do Eimhir |