[95]

XLIII

Mur be thusa bhiodh an Cuilithionn
na mhùr eagarra gorm
acrioslachadh le bhalla-crìche
na thanam chridhe borb.

Mur be thusa bhiodh aghaineamh
than Talasgar dùmhail geal
na clàr biothbhuan do mo dhùilean,
air nach tilleadh an rùn-ghath.

S mur be thusa bhiodh na cuantan
nan luasgan isnan tàmh
atogail càir mo bhuadhan,
ga cur air suaimhneas àrd.


[97]

S bhiodh am monadh donn riabhach
agus mo chiall co-shìnt’ –
ach chuir thusa orra riaghladh
os cionn mo phianaidh fhìn.

Agus air creachainn chèin fhàsmhoir
chinn blàthmhor Craobh nan Teud,
na meangach duillich taodann,
mo chiall is aogas rèil.

titleXLIII
internal date1940.5
display date1931–41
publication date2002
level
reference template

MacLean Dàin do Eimhir %p

parent textDàin do Eimhir
<< please select a word
<< please select a page