XLIV
Ged chuirinn dhiom èideadh
faireachaidh na cluaineis
’s nam falbhainn lom gleusta
’nam chaoir cèille buadhmhoir,
ruiginn an sin crè-ghaol
mo chèille luaidhe
’s liùbhrainn do t’ èibhneas
caoir na cèille buadhmhoir.
title | XLIV |
internal date | 1940.5 |
display date | 1931–41 |
publication date | 2002 |
level | |
reference template | MacLean Dàin do Eimhir %p |
parent text | Dàin do Eimhir |