[97]

XLV

Rinn sgian meanchainn gearradh
air cloich mo ghaoil, a luaidh,
is sgrùd a faobhar gach aon bhearradh
is ghabh mo shùil a thuar.

Thionndaidh mi gach mìrean lèige
fo ghloine gheur fhuair
is fo mo lasair chèille,
a dhfhiach iad ceudan uair.

An dèis sgeine, gloine, teine
is gath nam faobhar giar,
beumadh, gearradh, losgadh, sgrùdadh,
cha robh caochladh air a fiamh.


[99]

An t-sian-chlach geàrrtam mìle mìrean
cho slàns a bha i riamh,
air a prannadh ann am fùdar
ach dùmhail leugach giar.

Mar a rachadh i an àireamh
nam bruan geàrrte prann
s ann a ghabhadh i aonachd
na h-aonar cruaidh teann.

Dhat i gu meud mìle chuantan
is chaidh gach bruanna bhraon,
ach bi uisge chaidh an cruadal
le teannachadh at gaoil.

Bha achlach a fhuair a gearradh
à maigne chumhang fhìn
air a bearradh gus amhòrachd
a thoilleadh domhain-thìr.

Pioctàs mo chom, bha a miadachd
os cionn mo thomhais chèin
s mar bhruan chrùb a creag-màthar
am Betelgeuse nan reul.

Achlach ghaoil a thàinig à meanchainn,
s i ghabh am meanmna treun
gu robh ina màthair-meanmna
da màthair-eanchainn fhèin.

S en gaol ginte leis achridhe
an gaol than geimhlich shaoir
an uair a ghabhas ena spiorad
gaol eanchainn air a ghaol.

Aguss e achlach tha briste
an leug shoilleir shlàn
nuair phrannar i le eanchainn
gu barrachd cruais a gràidh.


[101]

A luaidh, mur biodh gaol mo chridhe
ort mar chruas na lèig,
tha fhios gun gabhadh e gearradh
le eanchainn chruaidh gheur.

titleXLV
internal date1940.5
display date1931–41
publication date2002
level
reference template

MacLean Dàin do Eimhir %p

parent textDàin do Eimhir
<< please select a word
<< please select a page