[101]

XLVI

Tha sinn còmhla, a ghaoil,
leinn fhìn ann an Dùn Èideann,
is taodann suaimhneach còir
afalach leòn do chreuchdan.
Tha agamsa mar chuibhreann dhiot
ceann grinn is colainn reubte.

Is beag mo thruaighe-sa a-nochd
seach olc do cholainn creuchdaich,
ach le do thruaighe-sa tha mghaol
air dholna chaoir ghil leumraich,
alosgadh am bruaillean mo chinn
mo chuimhne air an tèile,
air nas rathailes nas bòidhche
s i pòsta thall an Eirinn.

titleXLVI
internal date1940.5
display date1931–41
publication date2002
level
reference template

MacLean Dàin do Eimhir %p

parent textDàin do Eimhir
<< please select a word
<< please select a page