[101]

XLVII

Aithreachas an deaghaidh nam pòg
ga mo leòn fad na h-oidhche:
gu bheil uabhar mo ghaoil
amagadh air do chor -aoibhneach;
gu robh neart òg mo cholainn
afanaid air adhbhar do thùrsa,
is tàilleachd bhròin afalbhna manadh
air rathad briste glas do chiùrraidh.

Carson, a Dhia, nach dfhuair min cothrom,
mun dshrac an t-òigear Goill do bhlàth,
mun drinneadh culaidh-thruais dhed bhòidhche
s mun dleagadh suaithneas òir ri làr?


[103]

A Dhia, ’s e bòidhche aghàrraidh
ged than giamh glas fo nam blàth,
nach fhan ri buidheachas an fhoghair
on bhuaineadh tìm is bun is bàrr.

titleXLVII
internal date1940.5
display date1931–41
publication date2002
level
reference template

MacLean Dàin do Eimhir %p

parent textDàin do Eimhir
<< please select a word
<< please select a page