XLVIII
Mar riutsa tha m’ irisleachd
co-ionann ri m’ uaill
agus tha m’ ùmhlachd is m’ àrdan
’nan ceòl-gàire buan.
Sleuchdt’ aig do chasan tha mo spiorad
air chorra-bhioda àrd
agus tha pian is luasgan m’ aigne
’nam bras shuaimhneas tàimh.
’S ’nad fhaisge tha a’ chòmhail
a th’ agam rium fhèin
cho dlùth rium ri smior mo chridhe
’s e falbh air binnean cèin.
Fhuair mi faoisgneadh às a’ chochall
a rinn cor mo rèis
is dhiùchd bàrr-gùc m’ anama
bho arraban ’na lèig.
title | XLVIII |
internal date | 1940.5 |
display date | 1931–41 |
publication date | 2002 |
level | |
reference template | MacLean Dàin do Eimhir %p |
parent text | Dàin do Eimhir |