[51]

V

A nighean ruadh, ’s trom an èire
rinn an lèireadhnam chlì,
s, a ghaoil ghil, cruaidh an t-àmhghar
rinn an sgàineadhnam chrìdh:
cha bhi maigne ri treuntas
bhon dhèirich do
no mo spiorad ri suairceas,
air a bhuaireadh led bhrìgh.

S iomadh oidhche fhada iomagain
bha iomaluasnam shùrd
agus feasgar na h-iargain
bha an t-iarannnam dhùil,
mo rag chridhe cruadhach
ann an luasgan led shùil
agus mfhuil shiùbhlach, làidir
ann an cràdhlot led mhùirn.

O, a nighean ruadh àlainn
rinn thu màbadh air treòir
a bha àrdanach, uallach
ro shuaimhneas do ghlòir:
tha do bhòidhchead gam chiùrradh
ann an dùiseal is bròn
agus taghaidh gheal, shuairce
air mo ruagadh bhom thòir.

S, a nighean ruadh, chan e mèire
mi bhith an èirig na h-Eòrp’,
s chan e goirteas mo shàth-ghal
mi bhith fàgte gun meòl,
ach nach dfhuair mi do ghaol-sa
tre bhaothaireachd dhòigh
agus faoineachd an t-saoghail
agus claoine mo sheòil.

an sultuine 1939

titleV
internal date1940.5
display date1931–41
publication date2002
level
reference template

MacLean Dàin do Eimhir %p

parent textDàin do Eimhir
<< please select a word
<< please select a page