L
Chan eil anns a’ bhròn ach neoini
’s chan eil anns a’ ghaol ach bruan
fa chomhair nan reul a’ sgaoileadh
’s an saoghal a’ dol ’na chuairt.
Agus liuthad millean bliadhna
on thriall an Talamh ’na chaoir
agus liuthad millean iadhadh
a thug e le thriall air gaol.
Dè dhomhsa a mhillean iadhadh,
dè dhomhsa a chian chùrs’ aost
a chionn nach toir e le ghrian-leus
gnè shìorraidheachd do mo ghaol!
Seatadh e fad rèis a bhuantachd
tro chluaintean glasa nan speur
a chionn nach dealbhar le buaidh e
’na chumadh luaidhe dom chèill!
A chionn nach eil suim dar miannan
anns an iadhadh bhiothbhuan chlaon,
chan eil mo shuim-sa ra chiadan
no mhilleanan sgialachd gaoil.
Nam b’ urrainn aodann mo luaidhe
bhith àlainn is buan gu bràth
bheirinn dùbhlan do Thìm le bhuadhan
le nodhachd ’s luathghair fàis.
title | L |
internal date | 1940.5 |
display date | 1931–41 |
publication date | 2002 |
level | |
reference template | MacLean Dàin do Eimhir %p |
parent text | Dàin do Eimhir |