[107]

LI

Thuirt mo chrìonnachd ri mo chridhe
n àm milleadh nan reul:
Tha thu cur ri bòidhchid
a bhios gud leònadh fhèin,
s ann ortsa thig an claoidheadh
le maoim-shruth nan speur.

Laigh mo spiorad breòite
ann an ònrachd a phèin,
aplosgartaich ro uilebheist
nan tuiltean fuaraidh geur’,
is thachd aghaoir aognaidh
an gorm-fhaoisgneadh treun.

Gun tuiginn fhìn an cràdhlot
a thanns abhàthadh lom
agus brìgh amhàbaidh
than gàirich nan tonn,
mur togadh tusa taodann
chur caochlaidh air conn.

titleLI
internal date1940.5
display date1931–41
publication date2002
level
reference template

MacLean Dàin do Eimhir %p

parent textDàin do Eimhir
<< please select a word
<< please select a page