LIV
Bu tu camhanaich air a’ Chuilithionn
’s latha suilbhir air a’ Chlàraich,
grian air a h-uilinn anns an òr-shruth
agus ròs geal bristeadh fàire.
Lainnir sheòl air linne ghrianaich,
gorm a’ chuain is iarmailt àr-bhuidh,
an òg-mhadainn ’na do chuailean
’s ’na do ghruaidhean soilleir àlainn.
Mo leug camhanaich is oidhche
t’ aodann is do choibhneas gràdhach,
ged tha bior glas an dòlais
tro chliabh m’ òg-mhaidne sàthte.
title | LIV |
internal date | 1940.5 |
display date | 1931–41 |
publication date | 2002 |
level | |
reference template | MacLean Dàin do Eimhir %p |
parent text | Dàin do Eimhir |