LVIII
A nighean ’s tu beairteachadh
tacan tha trèigsinn,
ciamar a bhacar leinn
cas-ruith a cheum-shruth?
Ciamar a ghlacar leinn
fras-bhlàth a chèitein?
Ciamar a thasgar leinn
’m basgaidean leug e?
O nighean ’s do mhala gheal
laiste le bòidhichid
mar ris a’ chamhanaich
laiste le h-òige,
’s tu chuireas brasadh air
m’ aignidhean còmhla
’s a ghrìosas gu cabhagach
marc-shluagh a’ cheòlraidh.
O sheallaidh chiùin fhosgailte,
mosgladh na còireid,
ciamar a chosgar leam
dos-bhlàth do ròsan,
agus tu nochdadh dhomh
bochdainn mo sheòltachd
’s mi fiachainn ri deocadh às
socrachd à bhòidhichid?
O aodainn shàr-shnaidhte
fo t’ aighear geal èibhneach,
ciamar a ghlacar leinn
fasan a sheuntachd;
ciamar a thasgar leinn
frasan a leugachd
mum bi e falaichte
thairis an cèin-thir?
O aodainn ghlain, aodainn,
nach saoirteadh do bhòidhichead
bho chumhachd gach baothalachd
aomadh is dò-bheairt!
Nach cuimteadh mar fhaodail e
caoin air a stòradh
am fasgadh gach caomhalachd
saoir th’ aig a’ cheòlraidh!
title | LVIII |
internal date | 1940.5 |
display date | 1931–41 |
publication date | 2002 |
level | |
reference template | MacLean Dàin do Eimhir %p |
parent text | Dàin do Eimhir |