LIX
Mhic Gille-Mhìcheil, ’s tric mi smaointinn
air gach faodail a fhuair thu;
agus do shaoibhreas gach aon latha
gun charachd gheur, gun bhruaillean:
gun d’ fhuair thu àgh is sonas ceòlraidh
gun ghleac ri ònrachd ’s fuathas,
’s nach ann mar sin a bhitheas dhuinne
ri sgal guineach an fhuaraidh.
Ach, Alasdair Mhic Gille-Mhìcheil,
thàinig gun strì dhomh luathghair
ann an geal mhaise aodann nìghne
a dh’aindeoin brìgh a bhuairidh:
agus air latha thàrladh dhòmhsa
ealaidheachd òir gun luasgan,
’s i coimhlionta, mar thàinig ortsa,
gun mheang, an Ortha Bhuadhach.
title | LIX |
internal date | 1940.5 |
display date | 1931–41 |
publication date | 2002 |
level | |
reference template | MacLean Dàin do Eimhir %p |
parent text | Dàin do Eimhir |