VI
A dh’aindeoin ùpraid marbhaidh
anns a’ Ghearmailt no san Fhraing
bidh mo chuimhne air bòrd san taigh seo
dà oidhche ’s mi ann.
Am bliadhna roghainn na h-Albann,
an nighean ruadh, clàr na grèine;
’s a’ bhòn-uiridh an nighean bhàn,
roghainn àlainn na h-Èireann.
title | VI |
internal date | 1940.5 |
display date | 1931–41 |
publication date | 2002 |
level | |
reference template | MacLean Dàin do Eimhir %p |
parent text | Dàin do Eimhir |