[123]

LX

Nuair chunna mi ’n cùl ruadh a-raoir
’s a’ bhathais aoibhinn bhòidheach,

’s ann fo chòta truagh an rìgh
a leum an cridhe gòrach.

Air na bh’ ann a chòmhlan sluaigh
cha robh, a luaidh, do sheòrs’ ann:

air na bh’ ann a dh’aigne gheur
b’ e thus’ thu fhèin mo chòmhlan:

air na bh’ ann a dh’inntinn mhòir
’s tu fhèin a dh’fhòghnadh dhòmhsa:

air na bh’ ann a dhùrachd mhòir
cha b’ i siud dòrainn m’ fheòla:

chunna mi ’n cùl ruadh a-raoir
’s a’ bhathais shaoibhir bhòidheach.

Chunna mi ’n cùl ruadh is dhùisg
seann roinneadh ùr ’nam fheòil-sa.

titleLX
internal date1940.5
display date1931–41
publication date2002
level
reference template

MacLean Dàin do Eimhir %p

parent textDàin do Eimhir
<< please select a word
<< please select a page