Coimhead air AN TAIGH-DUBH ann an ARNOL
Tha an taigh-dubh ann an Arnol mar aon de na h-eisimpleirean as fheàrr an Albainn de thaigh-dubh air nach tàinig atharrachadh sam bith. Tha e suidhichte am measg chroitean baile Arnoil air costa iar-thuath Eilean Leòdhais sna h-Innse Gall. O 1965 tha Taigh-Dubh Arnoil air a bhith fo chùram Alba Eachdraidheil.
Tha an t-ainm ‘taigh-dubh’ a’ dol air ais chun nan 1850n. Seo an t-àm a nochd togalaichean le cumadh ùr air an eilean agus b’ e ‘taighean geala’ a thugadh orra. Thugadh ‘taighean dubha’ air an t-sean fheadhainn.
Thogadh na taighean-dubha le bàthaich, sabhal, agus àite-còmhnaidh fon aon tughadh - traidisean a tha nas aosta na mìle bliadhna ’s a tha ri fhaicinn sna ‘taighean fada’ air feadh Eòrpa a Tuath. Cha robh similearan no uinneagan sna taighean-dubha. Bha iad air an togail le stuthan às an àite fhèin - stuthan mar chloich no sgrath, agus airson tughadh coirce, eòrna, no muran.
Tha daoine air a bhith a’ fuireach ann an Arnol greis mhòr. Bha a’ chiad bhaile nas fhaisge air a’ mhuir. Tha crèadhadaireachd a fhuaradh faisg air a’ chiad bhaile a’ dol air ais do 100AD.
Mu 1700, b’ fheudar do mhuinntir a’ bhaile a ghluasad air falbh on chladach air sgàth creimeadh na mara. Bha a’ mhòine as fhaisge a’ fàs gann, agus bha feum aig an t-sluagh, a bha a’ meudachadh, air barrachd talamh àitich. Faodar làraichean agus achaidhean beaga nan taighean ud fhaicinn fhathast.
Chaidh ‘Aireamh 42’ a thogail ann an 1885 - aon de na taighean mu dheireadh gun uinneig, gun shimilear ann an Arnol. Dh’fhuirich daoine ann gu 1964 gus an deach an taigh ùr ri thaobh a thogail. Mothaich mar a tha tòrr de na taighean ùra ri taobh tobhtaichean nan seann taighean-dubha.
An Arainneachd
Bha tòrr chlachan mòra air an eilean ach bha fiodh gann. Cha robh ri fhaighinn ach fiodh-cladaich. Dè tha ann am fiodh-cladaich?
Anns an talamh bhuig bha còinneach agus fraoch a’ fàs gu pailt agus rè nam bliadhnaichean dh’fhàs a’ mhòine. Chleachd muinntir na coimhearsnachd a’ mhòine mar conadh ’s bha còirichean buain aig gach croit. Bha e doirbh do bhàrr fàs air sgàth droch thalamh agus aimsir. Chuir na daoine coirce agus eòrna agus aig deireadh na 18mh linn buntàta agus snèipean.
Croitearachd
Thàinig croitearachd a-steach aig deireadh na 18mh linn. Roinn an t-uachdaran an talamh ann am pìosan ris an canar croitean, agus bha seo aig croitear air mhàl. Bha còirichean ionaltraidh air a’ chùl-cinn a’ dol leis a’ chroit.
Bha bàrr a’ fàs ann am feannagan le claisean domhainn air gach taobh. Bhathar a’ mathachadh na talmhainn le feamainn, todhar às a’ bhàthaich, agus seann tughadh làn sùithe.
Gach samhradh bhathar a’ toirt nam beathaichean dhan àirigh airson ionaltraidh. Dh’fhuirich na boireannaich agus a’ chlann air an àirigh ann an ‘taighean-àirigh’.
As t-samhradh chaidh a’ chuid bu mhotha de na fir agus a’ chlann-nighean dhan sgadan. Le sin rinn na boireannaich obair na croite.
As t-fhoghar thàinig a h-uile duine còmhla a-rithist airson am bàrr agus a’ mhòine a thoirt dhachaigh. Bhiodh na fir ag obair còmhla air tughadh. An smaoinich thu air obraichean eile far am biodh daoine ag obair còmhla?
Plana
Iodhlann
Sabhal
Uachdar an Taighe
Aig an Teine
Bàthaich
Mothaich mar a tha làr àireimh 42 air fiaradh bho Uachdar an Taighe sios dhan Bhàthaich. Carson a bha seo cudromach?
Tha am pìos puingte a’ sealltainn pàirt den t-sabhal a chaidh a mhilleadh le mèinn san Dara Chogadh Mhòr.
Am Balla
Tha ballachan an taigh-dhuibh de chloich às an àite fhèin (gneiss agus schist) agus tha iad mu 1.5 gu 1.8m an àird. Carson a bha na ballachan cho ìosal seo? Bha am beàrn eadar na ballachan a-muigh agus a-staigh air a lìonadh le ùir agus an uairsin chaidh crèadh fhliuch a sgaoileadh air a mhullach. Carson a bha sgaoileadh de chrèadh air? Bha am balla suas ri 2m ann an tighead.
Tar-dhealbh den bhalla
Sgrath
Crèadh
Clachan
Glutadh
Clachan beaga
Bhiodh toll sam bith sna ballachan a’ leigeil an teas a-mach agus bhathar a’ cumail nan tuill cho beag sa ghabhadh. Le sin bha an doras-aghaidh dìreach mòr gu leòr airson an crodh a leigeil a-steach. Carson a bha an doras-cùil nas lugha? Coimhead airson an àrd-dhorais chloich os cionn an dorais.
Bha staidhrichean air an taobh a-muigh nan cuideachadh do na daoine a bhiodh a’ càradh an tughaidh. Carson nach robh e glic a bhith a’ streap air an tughadh?
Am Mullach
Tar-dhealbh den mhullach
Tughadh
Sìoman
Acair
Sparr
Sgrathan-fraoich
Ceangail
Iallan sìomain
Leacan
Bha fiodh gann san eilean agus bhathar a’ cleachdadh fiodh-cladaich, shean mhaidean, fhalmaidearan, agus fiu ’s chnàmhan mhucan-mara airson a’ mhullaich. Nan robh aig croitear a thaigh fhàgail bha e a’ toirt leis na cabair. Carson?
Mothaich gu bheil am mullach ag aomadh sìos. Tha e nas ìsle os cionn na bàthaich airson ceò a chumail a-mach aiste.
Tha an tughadh air a cheangal sìos le sìomain a tha a’ dol timcheall agus thairis air an tughadh. B’ àbhaist sìomain-fraoich a chleachdadh. Tha na sìomain air an cumail teann le acraichean. Tha sreath chlachan eile air an cur aig bonn an tughaidh. A bharrachd orra sin thòisich iad air seann lìontan-sgadain a chleachdadh. Carson a tha clachan còmhnard nas fheàrr na feadhainn chruinn?
Air gach ceann den mhullach bha na sìomain air a ceangal ri maide. ’S e ‘maide-fithich’ a bha aca air aon de na maidean. Carson?
An Stairseach
A’ chiad rud a tha luchd-tadhail a’ mothachadh an uair a thig iad a-steach ’s e an ceò agus fàileadh na mòna.
Coimhead suas agus chì thu sgrathan fraoich a’ crochadh sios. Carson a tha seo? Ciamar a tha na cabair air an ceangal ri cheile?
Tha a’ bhascaid no an ‘cliabh’ à seileach agus bhiodh iad gan dèanamh sa bhaile fhèin.
Aig an Teine
Bha beatha an teaghlaich suidhichte timcheall teine-meadhan-làir ’s cha leigeadh len teine a dhol às. Bhathar a’ còcaireachd an-seo agus feasgairean thigeadh an teaghlach ’s na càirdean còmhla air trì taobhan den teine agus bhiodh iad a’ cèilidh, a’ fighe, agus a’ dèanamh obair-taighe eile.
Carson nach suidheadh iad ach air trì taobhan? O chionns nach robh similear ann, rachadh an ceò dhan tughadh agus an dàrna cuid a-mach air an fhairleus no a-mach tron tughadh fhèin.
Bhiodh iasg a’ crochadh anns a’ cheò air ‘clòran.’ Dè eile a chleachdadh clòran air a shon?
Bha a’ chòcaireachd air fad air teine fosgailte. Bhathar a’ fuine bhonnaich (aran neo-ghoirtichte), aran coirce agus sgonaichean air a’ ghreideal seo. Dè rud a tha an-còmhnaidh ann an aran, ach a tha air fhàgail às airson a dhèanamh neo-ghoirtichte?
Bha buntàta air a bhruich ann am bonn na praise seo. Chuireadh sgadan air uachdar a’ bhuntàta an dèidh làimh. Carson an dèidh làimh?
Chruinneachadh fiodh-cladaich airson an dreasair seo a dhèanamh. Mothaich mar a tha am mullach aige air fiaradh agus a’ stobadh a-mach rud beag ’s gun teid e a-steach fon tughadh. Tha na soithichean beul fodha air na sgeilpichean. Carson?
Bha biadh air a chumail fionnar ann am preas. Dè seorsa bìdh a tha ann an ùrachd-na-bà agus càit an cumar an-diugh?
Rinneadh beingean le fiodh-cladaich. Bha iad cho ìosal ’s gum b’ urrainn do dhaoine suidhe fon cheò. Bha àite airson stuth a ghlèidheadh fo mhòran dhiubh. Dè dh’fhaodadh a chumail an-sin?
Bhathar a’ nigheadaireachd ann an allt faisg air làimh. Coimhead air an iarann seo a bha airson aodach a dh’iarnaigeadh. Dè am pìos a bhathar a teasachadh san teine?
Dh’fheumadh croitearan a bhith ealanta air rudan a dhèanamh agus rudan a chàradh, an àite a bhith a’ dol gu bùth. Chleachdadh an ‘ceap’ seo airson bonnan a chur air brògan no bòtannan. Dè an t-ainm a tha air an neach-ceàirde a tha a’ dèanamh seo?
Solas
Chaidh a’ chiad uinneag a cur a-steach an 42 Arnol sna 1940n. Airson iomadh bliadhna bha lampaichan ola no crùisgeinean aca. Thàinig an t-ola bho èisg agus eòin-mhara. An dèidh sin chleachdadh lampaichcan paireafain. Dh’fheumadh iad seo siobhag airson a’ phaireafain a losgadh. Dè tha ann an siobhaig?
Bha an solas na bu shoilleire le ‘Tilley’. Bha am paireafain air a theannachadh le pump ’s air a sgoilteadh na mhìrean beag bìdeach mus deach a losgadh sa mhantal. Dè a tha na lampaichean seo a’ losgadh a-nis?
Cuimhneachain
Glè thric an dèidh a bhith air falbh on taigh bha feadhainn a’ tilleadh le cuimhneachain-siubhail.
Bha an cloc seo air a dhèanamh anns na Stàitean Aonaichte agus is dòcha gur e maraiche no eilthireach a bha a’ tilleadh a thug air ais e.
Bha ornaidean chon fasanta sna 1800n. Fhuair iad àite urramach san taigh ’s daoine moiteil asta.
Uachdar an Taighe
Bha leapannan-dùinte a’ glèidheadh neach-cadail o struthan-gaoith agus o shileadh. Tha aon de na leapannan mar thallan agus tha i a’ coimhead a-mach dhan àite-teine. Cò tè?
Rinneadh na leapannan le liteir fraoich no fodar, clò air a h-uachdar agus an uairsin plaide air a fighe. Dè tha ann an clò?
Bha aodach ’s aodach-leapa air an cumail ann an cisteachan. Glè thric bhathar a’ cur cuibhrig orra airson an cleachdadh mar bhòrd no dreasair.
Chleachdadh pigeachan air an lìonadh le uisge-teth airson na leapannan a bhlàthachadh. Dè stuth a thathar a’ cleachdadh airson bhotail-teth an-diugh?
An uair a bha duine san teaghlach a’ siubhal on taigh bha e a’ cur a chuid ghnòthaichean ann an ciste ’s ga toirt leis.
Air a’ chuidhle-shnìomha seo bhathar a’ dèanamh snàth a bha air a chleachdadh airson clò, fighe no croisidh.
Coimhead air a’ mhullach agus lorg am falmadair seo. Tha ràmh ann an àite eile. Cò as an tàinig iad, saoil?
A’ Bhàthach
Ged a bha daoine agus beathaichean a’ dol a-steach air an aon doras, bha tallan fiodha a’ roinn na bàthaich bhon àite-fuirich. Cha robh tallan aig na seann taighean!
Bha buabhall-na-bà sios aon taobh den bhàthaich far an robh an crodh air an ceangal. Aig aon àm b’ e an cleachdadh an todhar fhàgail sa bhàthaich fad a’ gheamhraidh agus a chartadh as t-earrach. Aig àireimh 42 bhathar ga chartadh gu tric.
Bha an todhar air an làr a’ cumail na bàthaich blàth. Ciamar?
Bha crò-laogh san oisean seo. Carson a bhiodh na laoigh air an cumail bho na bà?
Mothaich gu bheil clais san làr a tha a’ toirt an rud caithte dhan taobh-a- muigh. Tha i air a h-atharrachadh gus nach tuit luchd-tadhail innte san dorchadas.
Bha feum eile air an toll-lodain - leigeadh e sruth-gaoith a-steach dhan taigh. Carson a dh’fheumadh taigh-dubh sruth-gaoith?
Chuireadh bàrr sa bhiota agus bhathar ga mhaistreadh le lonaid airson ìm a dhèanamh. Nan robh am bainne air a dhol goirt bhiodh an slaman air a shìolachadh on mhiùg agus dhèanadh gruth dheth. Cuin a bhiodh tòrr bainne aig a’ bhoin?
Bha beagan chearcan air an cumail. Thigeadh iad a-steach tro tholl beag san tughadh agus rachadh iad air spiris. Bha am pòla seo sa mhullach a’ fior còrdadh riutha. Dè tha cearc a’ dèanamh an uair a tha i ‘air spiris’.
Gach bliadhna dh’fheumadh na caoraich a bhith air an rùsgadh le deamhais. Dè tha ann an ‘deamhais’?
Bhathar a’ toirt a-steach a’ choirce agus an eòrna anmoch as t-samhradh. Thigeadh croitearan còmhla, mar as trice, airson seo.
Airson iomadh bliadhna bhathar a’ buain le corran. Nas anmoiche sa linn chleachdadh speal. Tha an tè seo air a h-atharrachadh airson boireannaich.
Bha na taobhan fiodha sna tubachan air dòigh ’s nach biodh iad ag aoidion. Bhiodh am fiodh ag àt le fliuchadh, a’ dèanamh nan alt nas dìonaiche.
Bhiodh na lampaichean-ceaìrd seo a’ lasadh na bàthaich. Cho math ris am bathar aca reic bhiodh na ceàrdan ag innse naidheachd sam bith a bha a’ dol.
An Sabhal
Tha an sabhal na dhà earrann. Bha an earrann na bu mhotha airson gràin, buntàta agus innealan. Bha an earrann na bu lugha airson fasgadh a thoirt do chaoraich aig àm breith nan uan. Bha an sabhal airson bualadh cuideachd. Thilgeadh sguaban eòrna agus coirce tro ‘tholl an t-sabhail’ aig a’ cheann thall.
Cha robh e ceadaichte do na croitearan ach beagan chaorach a chumail. Bha rùsgan trom air caoraich bheannach agus bha ceithir adharcan orra.
Bhathar a’ toinneamh fraoch le làimh airson sìomain. Fiach seo. Am bi duilgheadasan agad?
Bhathar a’ toirt an t-sìl far na sguaib le bhith ga bualadh le sùist. Carson a bhiodh e doirbh an sùist seo a chleachdadh san t-sabhal?
Coimhead airson toll-fasgnaidh air a lìonadh suas. Mothaich gu bheil e mu choinneamh an dorais-aghaidh. An uair a bhathar ga fhosgladh thòisicheadh gaoth. Chuidicheadh seo am fasgnadh. An dèidh seo bha an gràn air a bhleith na mhin. Faigh a-mach ciamar a chleachdadh criathar.
Cha robh mòran innealan no stuthan ann. Bhathar a’ fuasgladh gach snaidhm ann an dòighean simplidh. Lorg bann fiodha an dorais. Ciamar a dhèanadh tu e gun drile?
Bha feòil ’s sgadan saillte agus rudan mar mhin agus flùr air an cumail ann am baraillean. Carson a bha biadh air a shailleadh?
Ghlèidheadh uisge glan ann am baraill faisg air na stairsich.
An Iodhlann
Bha an iodhlann airson feur agus arbhar a chumail an dèidh an tiormachadh sna h-achaidhean.
Bha cruachan-feòir mar seo air an togail le maidean fodhpa agus lìon thairis orra gus nach fhalbhadh am feur leis a’ ghaoith. Mus do chleachdadh lìontan bhathar a’ cleachdadh shìomain agus acraichean.
Lorg na tha air fhàgail de bhalla an t-sabhail a chaidh a mhilleadh le mèinn san Dara Chogadh.
Bha còirichean mòna aig gach croitear. Bha a’ mhòine air a buain agus an uair a thiormachadh i bhathar ga toirt dhachaigh ann an clèibh agus bhathar ga gnìomhadh aig ceann an taighe. Carson a dh’fhàg iad a’ mhòine air a’ mhòintich airson a tiormachadh?
Dùn Chàrlabhaigh
Làraichean eile aig Alba Eachdraidheil ann an Leòdhas sna Hearadh.
Càrn agus Tursachan Steineicleit Taigh-dubh Arnoil Dùn Chàrlabhaigh Steòrnabhagh Tursachan Chalanais Eaglais Roghadail
Tha Dùn Chàrlabhaigh air a bhith ann o Linn an Iarainn. Mar a mheudaich àireamh-sluaigh nan eilean agus mar a dh’fhàs fearann gann sann a dh’fhairich muinntir an àite gum bu chòir dhaibh iad fhèin a dhìon o chreachadairean. Thog iad tùran dìonadach agus ’s e ‘borg’ an t-ainm a thug iad air tùran mar seo.
Dh’fhaodte gur ann mar seo a bha Dùn Chàrlabhaigh an uair a bha teaghlaichean a’ fuireach ann.
Tursachan Chalanais
Tha cruinneachadh drùidhteach de 50 tursachan no barrachd ri fhaicinn ann an Calanais. Thathar a’ smaoineachadh gu bheil iad nas aosta na 4,000 bliadhna a dh’aois. Tha cuid de na clachan ann an cearcall agus cuid eile ann an streathan a’ sgaoileadh a-mach bhon mheadhan. An teis-meadhan nan tursachan tha càrn seòmarach. Tha aon de na clachan faisg air 5 meatair a dh’àirde.
MUSEUM NAN EILEAN © Còirichean glèidhte aig Bessacarr Prints, Thackray House, Manor Road, Hatfield, Doncaster. DN7 6SD Dealbhaichte le cuideachadh bho Mhuseum nan Eilean agus Alba Eachdraidheil. Teacsa Ghàidhlig le Ruaraidh MacIlleathain ISBN 0 86384 283 6 Cuir thugainn cèis le stampa agus seòladh airson liosta de na foillseachaidhean againn.
title | Coimhead air an Taigh-dubh ann an Arnol |
writers | Roddy MacLean |
internal date | 1994.0 |
display date | 1994 |
publication date | 1994 |
level | |
reference template | An Taigh Dubh ann an Arnol %p |