[3]

ORANAN NUADH SPIORADAIL.

MEADAIGEAN DE BHUADHAIN AN T-SHLANUIGHEAR.

Air Fonn— “Fulangas an t-Shlanuighear.”

SE sud an ni bu mhiannach leam,
Nan tairinn chuiran ceill;
Se pairt de chliu an t-shlanuighear,
S gum baithne dhomhga inns’,
Do na ghinealachd tha lathr,
S don al tha tighn nan deigh;
Chums gun iarradh iads a lathrachd,
S gun deanadh iad do reir.

Se sud a tha na dhiomhaireachd;
An t-Iosas mo gloir,
Bhig iarraidh, mar le fabhar orm,
Mighabhail mar mfhear posd
S gun deanadh E mo theasairgin,
S gun seasadh E mo choir,
S gun cuireadh Esan teicheadh
Air gach namhaid thair mo thoir.

Se aon thaght an Athair E,
S ailleagan a ghloir;
Se gaol nam naoimhs nan ainglean E,
S iad uileseinn a ghloir,
Le gairdeachas neo-chriochnach,
Le aoibhneas lan de cheol,
S gum bfhearr a bhinan cuideachd-san
Na bhi suibhal ann an ceo.


[4]

Se Samson treun a chumhnant E,
Thug gaol don t-striopach mhor,
Sa thainig a nuas a flaitheanas,
Gu talamh air a toir,
Sa phaigh gu leir a fiachan dhi;
Thug riarachadhna h-ait,
Don lagh nach maitheadh fairdin,
Am fabhar dhis’, na dhas’.

Se Ionah bhas na tonnan E,
S am broinn a bheathaich mhoir,
Don ainm am bass iuthairne,
S bha ceartas air a thoir;
Ach cha do phill E dhachaidh,
Gusn dfhuar e lan disears’,
Do thaobh na dhagair ceartas air,
Airson oighreachan na slaint’.

Sen fhireantachd nach teirig E;
Sen fhior naomhachd fein;
Se cement gaoil na flaitheis E,
Gun dluthachadh ri cheil;
An Ti a tha E gineamhuinn,
Is an ti a ghineas E,
S gach clach a thasan togail ud,
Don ceann na h-oisinn E.

Se freumhus gineal Dhaibhidh E;
Sen Reult as aird an gloir;
Sen t-Aireadh bha aig Iacob E;
S an tuisear òr as fearr:
Se Sagart treun na deas-laimh E,
Chum tagair a leth chaich,
S na h-uile gheibh an athchuinich,
Gu brach, ’s ann air a sgaths’.

Se fior Airc a chumhnaint E,
Sam bheil na clairibh naomh:
Se brigh na h-airc bhaig Noah E,
Chum tearnadh mhuinntir ghaoil:
Sen t-slat a bha aig Aaron E;
Sen t-slat a bha aig Maois,
Leis an dfhuair na h-aithrichean
Dhol tearuint thar a chaol.


[5]

Sen Ioseph bhasan fhasaich E,
Aig iarraidh bhraithrean fein;
S dar fhuair E iad, ’sann chuir iad E
Ann an slochd mar a bheist;
Thog iad E risds reic iad E
Ri ceannaichean nach bfhiach;
Cha bfhad thar sin a chum iad E,
Is reic iad E foluach.

Se craobh na beatha bith-bhuan E,
Tha fasam pharas Dhe;
Nin Spiorad Naomh a phlantaigeadh
N anamaphobuill fein:
S tha nadur ann gun tionndaidh E,
Gach liossam bi Efas,
Gu nadur fhein, ’ge maiseach E;
Thaobh feartain treun a ghras’.

Sen fhior Abhainn chriostail E,
Tha tighinn bho chathair Dhe:
Se tobair feudail Iacoib E,
Len stialan banus donn;
S tha spotain deargus dubh orra,
S iomadh ni nan com,
S dar dholadh iad dheth, ghineadh iad,
S nam pilltinn bha iad trom.

Se Buachaill maith na teaglaich E,
S cha chaill E aon de threud;
Oir cheannach E cho daora iad,
S phaigh Em pris gu leir;
Oir dhoibrich E cho firinneach,
S shaothraich E cho teann,
S gun dchuir E fallas fola dheth,
Adireadh ris a chrann.

Se caraid mor nam peacaich E,
Gu seasamh air an taobh;
Se aon Tigh stoir an Athair E;
Fear uaignidheas nan naoimh:
S dar thig iad len cuid athchuinich,
Gun dortadh ann na lathr
Cha toir E dhionnsuidhn Athair dhiubh,
Ach a mhain a chuid as fhearr.


[6]

O! nach treun an Cairid E!
Gu seasamh air an taobh,
Gu glormhor, treunmhor, cumhachdach,
Is Gaisgeach E co-dhiubh.
Cha seasamh daoines deamhnaRis,
S innleachdain a phuill.
Cha seasamh nadur truaillidh Ris,
No peacaidhn gins gniomh.

Se Ghrian E chum n-ar soillseachadh,
S an oidhch a chuir air falbh;
Se bainne fior an fhocail E,
S an t-aran ceart gu dearbh;
Sen rathad chum an Athair E,
S am fasgadh bho na stoirm;
Sen Iobairt reitich shiorruidh E,
Thug riarachadhn-ar n-ainm.

Se Brigh an da ghabhair E,
Chaidh ghabhail aig aon am;
San dara h-aon chaidh iobaireadh,
Mar dhorduicheadhsan am;
S fhuair aon a saorsinn dhiubh,
Gu fasaichean nam beann;
S bha iad le cheileciallachadh,
Gur Dias duine bhann;

S theirear Mac an duine ris,
Ge iongantach leibh e;
S theirear Uan an Athair ris,
S cha laghan iognadh e;
Uanbhi anns an Diadhaidheachd,
S Dia bhi maille ri daoine:
Tha e gu leir na dhiomhaireachd,
S co don aithne e?

Se fein an fhior ais-eirigh,
Chum carachadh nam mairbh:
Tha iuchraichean nan uaighean aige,
S gairdean treun gu dearbh:
Tha cumhachd aige gu fosgaladh,
Na glaiss mo meirg,
Bha riamhan tir na h-aineolais,
Cia fad i fo na stoirm.


[7]

O! Ghaoil, nach faigh mi commuinn riut
N am anam gu bhi tamh,
Agus gràs na h-aithreachais,
N am anam gu bhi fas;
A chums gun tugainn fianuis ann
An tim air taobh do ghrais;
Sa risd gum faighinn dhachaidh
Gus na cairteilean as fearr.

Ged fhaighinn-sa mile annam, ann
An ait an aon a fhuair,
Dhearbainn ann na ghlacain iad
Rin glanadh, ’s rin toirt suas;
Oir tha E treun, ’s trocaireach.
S eolach air toirt buaidh;
S cha chaill E aon den aireamh sin,
Thug Athar dha mar dhuais,

Mir Bithinn-sa air mo thempergeadh
Mar ailbhinn aig a chruas,
Cha bhitheadh an namhaid eucoireach
Cho tric afaighinn buaidh,
Mo mhiannaidhean air an riarachadh
Agus minntinn blians fas,
Gun fhaireachdan air muir-easbhuidh,
No feagail roimh na bhas.

Oh! cuir an t-Elieser ud,
Don sloinn an Spiorad Naomh.
Gu tobraichean nan geallaidhean,
S fosgail iad gu saor;
A chum gum faigh an aireamh ud,
Tha dha mar chlach a shuil,
An arachs am beothachadh,
A flagonan a ghaoil.

Sudn gaol a tha na dhiomhaireachd,
S leotha e na na speur;
Thaobhmheud, tha e do-rannsaichte,
S cha chum gach soitheach e,
A chaidh riamh a dheanamh leis,
Chumchliu-sa chuir an ceill:
Sanns goirid leo-sa bith-bhuantachd,
Gu labhairt air gu leir.


[8]

S rinn E coinnlear farsaing dhuinn,
Ris an dubhairt E na speur,
S chuir E coinneil mhaiseach ann,
S dhainmich E i a ghrein:
S thug ordugh dhi mar shiubhladh i,
Air fad an la gu leir
Bho mhaduinn tim a chruthachaidh,
Gu feasgair deireadhn t-saoghl.

Chruthaich E na flaitheaneis,
Mar baill leis iad bhi deaint;
San dearbh mheudsam bu mhiannach leis
Fhuair an talamh E;
S rinneadh soitheach cladaich leis,
San cuireadh E an fhairg;
S baithne dha gach boinne dheth
Na chumadh e gu a lan.

Tha ceol, ’s gloir na flaitheanais
Ro mhor gu chuir an ceill,
Do aon neach air an talamh so;
Sa thamh am bothan creadha.
Ma tha mo smuaintean cothromach,
Ses iomchuidh dhombh a radh,
Mu thimchioll an ni nach aithne dhomh,
Nach bean mi ris an traths’.

SE na h-uile anns na h-uile E.
Ciod tuilleadh dhfhaodta radh?
Se Aon ghaoil an Athair E,
S na h-aingleang aodhradh dha;
Thaobh mheud tha E do rannsuichte,
S tha mi gun tomhas Dha;
S ann a sguireas mi mar thoisich mi,
N am amadansa chas.

title1
internal date1869.0
display date1869
publication date1869
level
reference template

Oranan Nuadh Spioradail %p

parent textOranan Nuadh Spioradail
<< please select a word
<< please select a page