[9]

NAIGHEACHD BHOCHD.

Tha minntinnsan comhnuidh fo mhulad,
Bhon nach urrainn mi dheth aicheadh,
Nacheil mo chogaisg air a lotadh
Le truailleachd chrosd mo naduir.
Tha mo chridhe air a reubadh,
S cha dean na tha fonghrein a shlanchadh,
Ach nam be toil na Trionaid fhaodainn,
Dheanadh am Fear-Saoraidh slan mi.

Chaneil lighich air an talamh,
Ni maith do ghne mo chreuchdain:
Tha iad cho lobhte breun mi-fhallan,
S nach dean ach feartuin na fola feum domh.
S mur faigh mi sinan la na slainte,
Bithidh mo lomnochd ghna ro oillteill,
Ann am fianuis a cho’ -chruinnich
Anns am bi gach duine air fheuchain.

Cha bhi measan sin air pearsa
An duine bheartach seach an traill;
Ach breith chearts cothrom cinnteach
A leabhar na cuimhneg eiridh;
Bheir leabhar na coguis fianuis,
Air gach gniomh theid a leubhadh;
S mach bho sin thig a rithisd
Bho na Bhreitheamh, ceart do reir sin.

Ach co e sins urrainn seasamh
An lathair a Ghaisgich threun ud?
Ach a mheudsa chaidh a nuadhchadh
A leantuinn an Uan gach taobhn teid E;
Bho gach trioblaid, ’s bho gach truaighe,
S bho gach buaireadh, ’s bho gach deuchainn,
S fhuair an truscain air a ghlanadh
Ann am feartuin folan Fhir-reitich.


[10]

Ach a mheudsa dhiult a thairgse,
Bidh e searbh dhoibh thighnnna choinneamh
Gu Caithir Bhreitheanais Iosa
Bheir a bhinn a mach gu h-ullamh;
Le ordugh dian a dhol a fhianuis
Dhionnsuidh a phriosun a chaidh ullach,
Don namhaids do chuid ainglean,
Mus do dhaighnich E an Cruinne.

Se Leomhann treubh Iudaih E,
A thug le umhlachd buaidh a mach dhoibh
S bheir E tearuint iad thar Iordain
Ged is mor i thar na bancain.
Bithidh na Sagairt, ’s Airc a Chumhnaint
Air a ghrunndga cuir air ais dhoibh,
Gus an ruig iad uile sabhailt
Tir Chanaan air chionn a mhaduinn.

S dar ni mi ach bhi smuanach
Air an truaighe a tha ri fhaicinn,
Ann an aideachadh gun ghrasan,
S misneach fhallsa bhi na thaic dhi,
Sann as coslaich mi ri truaghan,
Ann am bruadar noam breislich;
Ach mur dean an fhuil mo shaoradh
Mairidhn daorsainn ud am feasd domh.

Ged tha mi labhairt so lem bhilean,
S beag a ghineadh dheth nam inntinn;
Dheth ghrasan fein tha mi falaimh,
S mi gun fhaireachdainn, gun ionndran.
Air an Aon ni fheumail fathast,
Thair a radh anns an fhirinn,
Dhethn drinn Mairi mhin a roghainn
Le huile chridhe, ’s i gle dhiblidh.

S bochd an naigheachd tha ri innseadh
Air an linn thaniss an fhasaich;
Ach a mheud sa tha den fhuighleach
Airn sgapadh feadh gach cearnaidh,
Dheth na daoine rinn E shaoradh,
S a libhrig E troimh ghrasa,
Gu bhitabhairt dhuinne fianuis
Eadar Diadhachd agus nadur.


[11]

S bochd an naigheachd tha ri achdan,
Bhon thug thu dhachaidh a Phairt ud,
A bhanan Cibeirean bha dileas,
S dheanadhm mineachadh bha aluinn;
S chuireadh cuid dhuibh air an druim,
S dheanadh a chuid bha tinn a shlanach,
S bheireadh seoladh dhionnsuidh chuain doibh,
A tha gun bhruaich, ’sa tha gun traigh.

Bha Maighstear Guinn, ’us Maighstear Porteus,
Maighstear Eachainn, ’s Maigstear Calder,
Bha Maighstear Alastair a Chnuic ann,
S Maighstear Huistean min mo ghraidh-sa
Dheth na Trumpaidean a ghabh E,
Sa thagh E chum na ceaird ud,
Gu bhi fosgladh nan uaighean,
S cuir gluasadmeasg nan cnamhan.

Tha deamhan feineil, eudmhor, uasal,
S tha fear beucach buaireant borb ann,
S tha fear dona miodhoir crion ann,
S maith na Diadhachd tha e toirmeasg;
S or leam fhein gur olc an triuir iad
Thaobh na ruintean leis an dfhalbh iad
Anns gach Baile, ’s anns gach Duthaich,
S mi-shurd a tha na ghairisinn.

Thoir dhomh gras a ni mo stiuireadh
Anns gach cuis do reir na feuma,
Agus gliocas a bheir null mi
Thar gach tonnus thar gach deuchainn,
Mus am fag mi do dhroch iomradh
Aig an linn thanis aig eirigh,
Na ni bocaidh dhoibhs mi-mhisneachd;
Na fagsa mise fon an aoibhinn.

title2
internal date1869.0
display date1869
publication date1869
level
reference template

Oranan Nuadh Spioradail %p

parent textOranan Nuadh Spioradail
<< please select a word
<< please select a page