[12]

TRUAIGHE LUCHD-GRADHACHAIDH AN T-SAOGHAIL.

Mo thruaighe gach aon,
Tha gradhchadh an t-saoghail,
S tha dheasbhuidh a chaochladh,
Sa thamh ann an sith.
Mo thruaighe, &c.

Ged tha iadam barail
Gum meal iad uaith fabhar,
Ach mur sealbhaich iad grasan
Gum failling i ris.
Ged tha iad, &c.

Se ni truaighe na pairt so
Bhi briseadh na h-aithntean,
Thanig nuas bho Sinai
Le Aarons le Maois.
Se ni truaighe, &c.

Truaighe eile bhios daor dhoibh,
Bhi deanamh tair air Fear-saoraidh
A rinn fhuil a thaomadh
Gun saoradh bho shios.
Truaighe eile, &c.

Achs ann than an-aoibhinn shiorruidh,
An deigh Cealg, ’s fein-dhiadhachd;
Ged tha iad cho rianail
Sa dhiarradh an saoghl.
Achs ann tha, &c.

Ach nam faighinn-sa grasan,
Cha bhithinn dhen cail-san,
S cha baithreach leam am fagail
An trathsa no gu sior.
Ach nam faighinn-sa, &c.

S thainig Prionnsa na Sith
Air teirmean cho iosal,
S mas ail le neach iarraidh,
Nach teid e a dhith.

title3
internal date1869.0
display date1869
publication date1869
level
reference template

Oranan Nuadh Spioradail %p

parent textOranan Nuadh Spioradail
<< please select a word
<< please select a page