[13]

CAOIDH

AIRSON AN URRAMAICH MR. ROBISON, MINISTEAR A BHAN CINN-GHIUSAICH, AN BAIDEANACH.

Och, ’us Ochan! mar tha sinn,
Air n-ar fagail leinn fein;
Mar chaoraich gun bhuachaill,
Air am fuadach ri beinn.
Chaneil ait gus an teid sinn
Ni feum dhuinn dol ann,
Bho na chaill sinn an Ciobard
Bha dileasn-ar ceann.

Thug na h-ainglean uainn dhachaidh
Maighstear Robison caomh
Dhionnsuidh aoibhneis bithbhuan
S cochomuinn nan naoimh,
Gu bhi seinn air an oran
S air morachd a Ghaoil,
Mari aireamh de dhaireamh
Do na braithrean bha naomh.

Tha do Bhean Uasal craiteach,
S do theaghlach fo bhron,
S chan iognadh leam idir
Ged a shileadh iad deoir;
Bho na chaill iad an Ceannard
A bha cannachs coir;
S bho na rinn sinn mi-fheum dheth,
Thug E-fein e gu Gloir.

Ged bha sud na chall dhuinn,
Bha e na bhuanachd dhuit fein,
S eiginn duinne bhi tosdach
Bhonse E-sa rinn e
Tha riaghladh nan ainglean,
S clann-daoine le cheil
S tha deanamh nas aill leis
Anns gach ait fon ghrein.


[14]

Bu tun Coinnlear bha soilleir
Bu tun Trombaid bha binn,
Bu tun Cocair bha iomchuidh
Gu dholdheaschadh a bhidh
Do na feumanaich uile,
Dar a bhitheadh iad cruinn,
S chuireadh tusann an ordugh
Cuid gach seorsair a roinn.

Fhuair thun Rola ri itheadh,
A bha miliss searbh;
Fhuair thun Laghs an Soisgeul
Ri sgoltadh gu dearbh;
Fhuair thu Gras agus Nadur
Chuirs gach aite leo fein;
Agus faileass suspainn
A chuir fada bho cheil.

Fhuair thu obair ri dheanamh
Ann am fionan nan gras;
Bho an Trionaid a shaor thu,
Sa thug gaol duit thar chach;
Bhi tairgsen Fhear-shaoraidh
Do dhaoine gun sta,
Nach deanadh a cheannach
A dhaindheoin do phairt.

Tha do Chubaidh na fasaich,
Agus t-Eaglais ban,
S do chaoraich air faon-tra’,
S iad sgaoilt anns gach ait;
Bhonach urrainn dhoibh taobhadh
Ri aon ann a t’ -ait:
Mur fhaigh iad an Soisgeul,
Cha ghabh iad ri sgail.

Bhiodh do shuileana cannach
Gu fuirearach caomh,
Sior iarraidh na Pairt ud
A bfhearr dhena daoin;
S dar a dheanadh tum beachdach
Le tlachds le speis,
Bhiodh iomhaidh na pailteachd
Ri fhaicinn ort fein.


[15]

Tha Ceann-Ghiusaich fo mhullad,
Sa phobull fo bhron;
S do dhilleachdain atuireadh.
Sa fasgadh nan dorn;
S iad aig achdan na chaill iad,
Mar leanabh gun treoir
Ann am fasaich a mhonaidh,
No mar dhuine ann an ceo.

Dar a thigeadh an t-ordugh,
Bhiodh gach seorsair am boinn;
Bhiodh an Colmans am fitheach
Atighinn fo thuinn.
S iad ag aicheadh le cheile
Nach biad-san a bhann,
S gheibheadh tusri dheanamh
Mus an deanadh tun roinn.

Thigeadh fuighleach Shrath-eirinn
Thar a bheinn aig an trath;
Thigeadh Donull chaidh dhachaidh,
S bu taitneach leinn e;
Thigeadh Fionnladh Shrath-Narruinn,
S bu channach an aoidh;
Agus Ian Mor Toiseach,
S bu bhoidheach a ghnuis.

Chunnaic misle mo shuilean
Anns an uir e dol sios,
Agus aicheadh do shealladh
Chan fhaca mi riamh:
Beul milis na firinn,
Bha na iuchar do chach,
E bhi nis air a ghlasadh
Fo cheangal a Bhais.

Se aon mhiles ochd ceud,
S coig thar fhichead a chorr,
Mu ochd uairean an deis neon.
Air a cheithreamh la dhena Mhairt,
Chaidh do ghairm as an tir so
Dhionnsuidh an Rioghachd as aird,
Tha air maire-sa a chuimhnchadh
Dhomh feins don als.’

title4
internal date1869.0
display date1869
publication date1869
level
reference template

Oranan Nuadh Spioradail %p

parent textOranan Nuadh Spioradail
<< please select a word
<< please select a page