[16]

MARBHRANN

DO THOMAS DOMHNULLACH, A BHA ANN AN STRATH-EIRINN.

Chaidh Tomas, mo ghraidh-sa
Thoirt an drasduainn thar Iordan,
Gu tire na saorsa,
S gu rioghachd na gloire;
Gu sealbhachadh dheth fhabhar;
S dheth lath-rachd a comhnuidh,
Mar ri cach dhe na daoine
Rinn E shaoradh le throcair.

Thug na h-ainglean air falbh e,
Dar a fhuair iad an t-ordugh;
S bha iadseinn Halleluiah
Ga ghiulan gu gloir leo.
Bha blathsagus daimhean
Do ghnath ann a t-aodainn
A thanise nas briagha
No a ghrian anns na neoilibh.

Cha dean mi-fein aicheadh
Nach bfhearr leam bhi laimh riut
Do sheachduins do shabaid
Bha do chairdeas cho daimheil.
Bha thu rianailus feumail,
Fad do reis anns an t-saoghal
S ge do tha mi mar tha mi,
Lean do dhaimh thun na crich mi.

S mor a bhearn aStrath-eirin.
S a Strath-Spe, aig na tioman
Anns an tigeadh tun aird,
Gu ceangal daimh agus aonachd;
Bhiodh na cairdean gle shubhach
N uair a chitheadh iad t-aodainn,
S bha do chuimhne gle fheumail
N am leughaidh na firinn.


[17]

N trath rachadh tu dhurnuigh,
S do shuil ri Fear-saoraidh,
Bhiodh do bhuadhan gad theannach
Le anail na rioghachd;
Bhiodh am pobull gan arach
N trath tharadh iad teann ort,
S bhiodh an deodhanga lionadh,
N trath thoisicheadh t-amhran.

Bhan saoghal, ’s an fheoil,
San namhaid an toir air,
Luchd-aidich gun ghras,
Chuid bhan nadur na feola,
Ga lotadhs ga theumadh,
S cuir eiginn nas leoir air,
S iad suarach ma dheighinn,
Ged a bfheumail na bheo e.

Tha e na luidhean Dail-Fhearghais,
Fear mo ghraidh-sde na daoine,
Bhasan tirs rinn a fagail
De chairdean an Fhear-shaoraidh,
Bha e rianail, is feumail,
Fad a thiom anns an t-saoghal,
S bhan rian a bha air Tomas
Thar moran de dhaoine.

Tha a theaghlach ro bhronach,
S chan iognadh doibh fein e;
Chaill an t-athair bha gradhach,
S am mathair le cheile.
Dean am foghlum, ’san ceannsach,
S thoir a dhionnsuidh Mac Dhe iad,
Chums gum meal iad gu siorruidh
An oighreachd ni feum doibh.

Oh! càirich rin cuimhne;
An ni thuirt do bheulsa
Iadsa dhiarras gu moch mi
Gheibh iad doibh fein mi.”
Thoir gras doibhnam beatha
Gun ghleidheadh bhon eucoir,
S dar theid am bas chuir gan iarraidh
Ni iad aoibhneas richeile.

title5
internal date1869.0
display date1869
publication date1869
level
reference template

Oranan Nuadh Spioradail %p

parent textOranan Nuadh Spioradail
<< please select a word
<< please select a page