ORAN NUADH.
LE ALASDAIR CAIMPEIL, CILL-MHORAG.
Tha mi sgith de bhron ’s de mhulad.
Tha mi sgith ’s cha’n fhaod mi fuireach,
Tha mi sgith de bhron ’s de mhulad,
’S cha n’eil na cunnartan gann.
Tha mi sgith de ghleann an ’eagail:
Gleann a bhais tha lan de dh’eabar;
Ach na’n gabhainn sa mo chead dheth,
Cha bhitheadh na teagaimhean ann.
Tha mi sgith de ghleann na h-eiginn;
Gleann a bhais tha lan de dh’eigheachd;
Cha bu tric a rinn mi eiridh
Dar bha sgeul ud air gach am.
Tha mi sgith de na ghleann bhi falbh ann,
Gun fhaidh aig na cnaimhean marbh ann
Cha’n’ eil anail bheo a’ falbh annt’,
’S tha iad marbh gun chorp gun cheann.
Tha mi sgith de ghleann na ceilge;
Gleann feagalach mi-tharbhach;
’Se bhi lan de nimh marbhtach
’S deochan searbh a fhuair mi ann.
Tha mi sgith a bhi ’na m’aonar,
’Cluinntinn Sion ri saothar;
Bhuail i basain ’s thug i glaodh aisd’,
Airson a Gaol a bhi air chall.
Tha mi sgith a bhi ’san fhasaich,
Direadh chnoic ’us bheanntain airde,
S mi gun aite comhnuidh sabhailt;
A chum tamh a ghabhail ann.
Tha mi sgith de choille nadur
Craobhan seargte marbh gun fhasa,
Cha b’fhasa dhomh tairbh Bhashain;
Rinn i fas’ bho cheann gu ceann.
Tha mi sgith de bhraithrean breige,
De pheathraichean a rinn mo threigsinn,
Chuir iad leointean ri mo chreuchdan,
’S dh’fhag iad mi na m’ eiginn fann.
Tha mi sgith ’bhi air mo rusgadh;
Pian ’s naimhdean, ’s uilc na duthcha,
’S mi fo smugaidean na’n Iudhaich,
Aig am bheil luchd-stiuiridh dall.
’S cianail mise ’n gleann a cheo-ich,
Lan bheoil fo fhraoch, slochdan domhan,
Reubadh iad thu ’na do bhloidhean,
Mar bitheadh fear-gleidhidh ort ann.
Tha mi sgith a bhi an gleann Bhaca,
G’osnaich ann fo eallaich sharuicht,
’S cha d’ranig mi gleann Achoir,
Doras sabhailt’ do na naoimh.
Tha mi sgith de ghleann an uamhais,
Dheth na tuiltean tha air m’uachdar;
Se bhi lan de theine buairidh,
Neach mo thruais cha d’fhuair mi ann.
Tha mi sgith a bhi ’san fhasaich,
Comp’ach chaillich oidhch’, ’us dhragoin;
Cha’n’ eil ach beag a ni dhomh fabhar;
’Bhrigh g’um bheil mo chairdean gann.
Tha mi sgith de ghleann a phianaidh,
’S dhe ’n as-chreidimh a leag mi iosal,
’S feagal gu’m bheil fearg aig Dia rium;
Stapuill iarunn, ’s cridh teann.
Sud an triur a fhuair mi laidir;
Thug iad creideamh, gaol, ’s gradh uam,
Ach an d’rinn iad mise ’bhathadh,
’S mi gun ait an seasainn ann.
Bha ceatharn eile ga’n comhnudh;
Braise naduir, ’s meinn na feola:
Dleasanas ’gu cumail comhnard;
Ga’n cuir samhach anns an am.
Bha gaol an t-shaogh’l as mar chomp’ach,
’San fhirinn aige, ’toirt bonn da,
Gu’m faigh e’m bas, fear nach seall rium,
’S bha puncail ann na chainnt.
Labhair e gu briath-rach seolta;
Ach mur dean thu aodhradh dhomh-sa,
Cha shuidh thu’n cuideachd dhaoine coir
’S cha bhi thu beo, thu-fein no ’d chlann.
Seall a mach air feadh an t-shaoghail,
’S chi thu iadsanach d’thug gaol dhomh,
Faighinn bas gun bhiadh, gun aodach,
’S cha’n iognadh leam ged robh iad ann.
Seall a mach anns gach aite.
’S chi thu iadsa tha toirt gradh dhomh,
Lan urram, cuid, us cairdeas;
’S gheibh iad daimhean air gach laimh.
Tar air mo chul’aobh a Shatain,
Tha Criosd air mo thaobh gu laidir,
Tha E cuimhneach air a chairdean.
Choidhch gu bra’ch cha bhi E gann.
title | 6 |
internal date | 1869.0 |
display date | 1869 |
publication date | 1869 |
level | |
reference template | Oranan Nuadh Spioradail %p |
parent text | Oranan Nuadh Spioradail |