ORAN
LE CAILEAG ARAIDH, MAIRSIL NIC COINNICH.
Tha’n samradh dol seachad,
’San geamhradh tighinn dlu,
’S tha mise mo chadal,
’S mi coma co-dhiubh;
Ach na’m bithinn dhe’n aireamh,
Thug thu Dhasan bho thus,
Cha bhithinn mar tha mi,
S mi gun aith’n Air ni’s mo.
Chaill mi mo chlaistineachd,
’S mo fhradhrac bho thus ’san tuiteam
Tha ’m bas air mo bhuadhan,
’S mi suaint anns an uir:
’S ged tha freasdalan cruaidhe,
’Ga mo bhualadh ’s gach taobh,
Cha d’rinn iad mo ghluasad;
’Sann a chruaidhich iad mi.
Cha’n ’eil annam ach nadur,
’S naimhdeas, ’s fuath.
’S irisleachd thrailleil,
Nach tar mi chuir uam;
Agus bithean gun aireamh,
Nach tar mi a luaidh.
A leanas gu bas mi,
Mur fabhairich Thu nuas.
Cuir ’n cumhachd leis ’n fhocal,
A dh’fheuchas domh mi,
As easbhuidh nach fhaic mi,
Thu an trocair a chaoidh,
’S cuir mi air ’n t-shlighe,
’Air na shiubh’l do naoimh,
’S na leig mi do n’ mhealladh
Bheir steach mi gu caoidh.
’Se mo shocar mo dhaorsainn,
’S cha daorsainn leam e,
Bho nach deach mo chuir ’san amhuinn,
’S an deach do chloinn fein;
Ach mur d’thig Thu ’n rathad,
Cha shiubhail mi ceum;
Cha ’n urra mi creidsinn,
Gu’m bi mi dheth ’n treud.
’S dorch dhomh ’n t-slighe ’s an fhirinn;
Cha ’n aithne dhomh e;
Cha’n’ eil mi ’ga tuigsinn,
’S mi gun aithne uat fein;
Ach ma bha mi dheth ’n aireamh,
Leig a mhan bho na speur,
Na dh’uisgicheas tra mi,
’S mi na m’ fhasaich gu leir.
Dh’aindheon ni thainig ’n rathad,
No dh’fhairich mi riamh,
Cha dean e ’n diugh taic dhomh,
’S cha sheas aig a chrioch.
Cha robh agam ach mealladh
’S na h-uile ni ’riamh,
’S tha mise ’n diugh falaidh,
’S cha’n aithne dhomh Criosd.
Cuir mi ’n aireamh do phobuill,
A fhuair dhe do ghras;
Cum dlu iad ri ’cheile,
Mus d’thig orr’ am bas;
Oir tha naimhdean do ghloire
Air an toir anns gach ait,
Ach tha mais’ ann na’n aodainn,
Nach ’eill ann an cach.
title | 7 |
internal date | 1869.0 |
display date | 1869 |
publication date | 1869 |
level | |
reference template | Oranan Nuadh Spioradail %p |
parent text | Oranan Nuadh Spioradail |