TRI RAINN A RINN ALASDAIR CAIMPEIL ’CHUIR RIS.
GUR i Mairsil nigh ’n Do’nuil,
Bha stoilte ’na beus,
A’s glinn a ni oran,
’S laoidh chomhnard na’n ceum.
Dar bhios Criosd le mheoirean,
Cuir air seol do chuid teud,
Gu’n duisgeadh na mairbh leat,
’S bhiodh na bailbh dol air ghleus.
Ged a tha mi gun chreideamh,
Gun chreideas, gun bhuadh,
’S mi buileach gun solus,
’S mi fo alla aig an t-shluagh:
Mur b’e ro mheud mo thrioblaid,
’S mo chridh’ air falbh uam,
Gu’n dannsainn gun bhrogain,
Ris na h-organan suarc’.
Tha ar geamhradh dol seachad,
San samhradh tign’n dlu,
’S tha mise dol dachaidh,
’S tha faisg air an uin:
’S dar theid mis’ an airde,
Dh’ionnsuidh Aros a chiuil,
Bithidh mise gu sabhailt,
’S bithidh a ghraisg air mo chul.
A CHRIOCH.
CLODH-BHUAILTE AIG SEOMAR GNOTHUICH ’N Courant, EILIGIN, LE SEUMAS BLAC.
title | 8 |
internal date | 1869.0 |
display date | 1869 |
publication date | 1869 |
level | |
reference template | Oranan Nuadh Spioradail %p |
parent text | Oranan Nuadh Spioradail |