[i]

LAOIDHEAN AGUS DAIN.

LE DONNACHADH MAC-GILLEADHAIN, MINISTEIR NA H-EAGLAIS SAOIRE ANN AN GLEANNURCHAIDH.

GLASCHO: G. MAC-NA-CEARDADH, 62 SRAID EARRAGHAIDHEIL.

DUN-EIDIN, MAC-LACHLAINN, AN STIUARTACHS AN CUIDEACHD;

OBAN, S. MUILLEIR; INBHIRNIS, I. NOBLE.

STEORNABHADH, MAC-A’ -PHEARSAINS AN CUIDEACHD.


[i]

AN CLAR-INNSEADH.

[ii] [iii] [iv]
[5]

FOCAL ROIMH-RADH.

THA ùine, ’s cha ghoirid i, on chuir sinn romhainn àireamh do na dàins do na laoidhean a leanas a churan clò. Bha sinn, mar tha sinn fhathast, ’am barail gum faodadh iad, tré bheannachadh Dhé, a bhin am meadhon air spiorad cràbhaidh a bheothachadh agus a neartachadh an cridheachan ar luchd-dùthcha gràdhach.

Tha sàr fhios agus làn chinnt againn gun robh an samhuil so afaghuinn gnùis bho Dhia bho thoiseach an t-saoghail; agus tré gach ceum do eachdraidh a shluaigh; agus gum bann le sùil rim buannachd a bha spiorad na bàrdachd air a thiodhlacadh bho àm gu h-àm.

Tha e fior nach dfhòghlumadh an fhìrinn so le cuid dhiubhsan air an do bhuilicheadh an tiodhlac luachmhor, agus gun do mhi-bhuilicheadh leò e. Be gun teagamh gliocas na muinntir ud, an àit an fheum a rinn iad dheth, gun do lean iad eisimpleir an fhir a fhuair am punnd, a cheangail ann an nèapaigin es a dhadhlaics an talamh e; oir mur deanadh e maith no cron dhoibh féin cha mhò dheanadh e maith no cron do neach eile: ach àil air n-àil, co dhiu chreideas sin e no nach creid, chaneil buaidh no feart air a bhuileachadh oirnn le Dia nach tigeadh dhuinn a ghnàthachadh ann an rathad a bhios taitneachna shealladh, agus aig acheart àm tarbhach araon don t-sealbhadair agus da cho-chreutairean mar an ceudna. A nuas bho làithean Mhaois agus Mhiriaim, agus tha e coltach fada roimhe sinbho làithean Dhebòraih agus BharaicHannaih agus ShamueilDhaibhidh agus Sholaimh nam mìle dàn, —seadh, on aimsir chéin ud gus an n diugh bha abhuaidh agus an comas inntinn so air am buileachadh le Dia araon air fir


[6] agus air mnathan cràbhach, diadhaidh, agus gu ro mhòr air an aideachadh leis mar mheadhon agus inneal chumaobhar agus a ghlòir a mheudachadhsa chur air aghaidh air an talamh.

Nach robh tiodhlac na bàrdachdna inneal agusna mheadhon comharraichte air soirbheachadh a thoirt do obair mhòr an Athleasachaidh anns gach cèarna don Roinn-Eòrpa? An robh an tiodhlac so na suram suain chodail ann an uchds an cridhe Lutheir? An robh e balbh, tosdach mar chlàrsaichean Israeilnuair a chrochadh iad air na geugaibh seilich aig uisgeachan coimheach Bhabiloin? Mar thobar fior-uisg fo thalamh leis nach fionnaraichear agus nach caisgear ìota an fhir-thuruis, —no mar lann air itheadh le meirg, ’s nach tàrruingear áthruaill le làimh an fhir-chogaidh? Bfhada, ro fhada bho so a bhachùis. Be barail mhòrain nach maireann, agus mhòrain a tha fathast a làthairdaoine comharraichte araon air son breithneachadh soilleir, fallain, agus air son an diadhachd mar an ceudna, gun robh àrd bhàrdachd aghaisgich sin, agus iomadh fear eile da luchd-cuideachaidh anns an obair mhòir agus dheacair a thug an Tighearna dhoibh ra dheanamh, air a h-aideachadhs air a beannachadh ann ann rathad cho comharraichte, agus ach beag ann an tomhas cho pailtsa bhan searmoinean agus na leabhraichean a chuir iad a mach, ’s a chraobh-sgaoileadh araonn an tìr féins an dùthchannan eile.

Bha laoidhean brìghmhor, blasda Lutheir, agus na fuinn bhinn, mhilis ris an robh iad air an comh-chumadh, agus a bha air an seinn araon anns an teaghlach agus anns an ionad aoraidh, ’n am meadhon air fàs as soirbheachadh a thoirt do aobhar Dhé agus na firinn; ach beag cho mòrs a bha na comasan reusonachaidh agus argumaid a thiodhlaiceadh air, ’s cha bfhaoins cha bu ghann iad sinn gu cinnteach. Ach carson a thogamaid tuilleadh dur n-ùine adearbhadh puinc nach àicheadh duine cràbhach sam bith, agus air am bheil fianuis aige ann am faireachadh a chridhe féin.


[7]

Nach tric a bhachridhe fann air a neartachadh, agus a spiorad airsnealach air a bheòthachadh leis na sailm bhlasda a dheachdadh le Spiorad Dhé, agus a shruth mar uisge beò, fallainn bho chlàrsaichean Dhaibhidh, Asaiph, agus Iedùtuin, afionnarachadh agus ag ùrachadh fonn tioram, tartmhoranama agus a chridhe. “Thigibh,” arsa Luther, ’n uair a bhachridhe, ged bu làidir, gramail e, an impis fàilneachadh anns achogadh eagallach a bha ecur ri uachdranachdaibh, ri cumhachdaibh, ri riaghlairibh dorchadais an t-saoghail so, ri aingidheachd spioradail ann an ionadaibh àrda— “thigibh,” arsesan, “agus seinneamaid an seachdamh Salm thar an fhichead.” Agus O! nach do-àireamh achuideachd a than diugh fa chomhair na Righ-chathrach, air an sgeadachadh ann an trusganaibh fada geala, agus pailm-chrannaibh acan an làmhaibh, a neirticheadhn uair a thàrr righ nan uamhasn an còir, ’s an uair a dhfhosgail gleann dorcha sgàil abhàis mun coinneamh, le briathraibh an t-Salmadair:—

Seadh, fòs ged ghluaisinn eadhon trìd
Ghlinn dorcha sgàil abhàis,
Aon olc no urchuid a theachd orm
Ni h-eagal leams nin càs.”

Agus gun a bhisnìomh mo shnàithein nis caoile no nis faide, nach lionmhor iad a tha fhathasd beò, agus nach lionmhoire iad a tha marbh, a mheal mòr bhuannachd agus toileachas-inntinn o laoidhean spioradail a sgrìobhadh le àireamh nach beag do bhàrdaibh diadhaidh ar dùthcha fein, mar a bha Dùghall Buchanan, an t-Urramach Seumas Mac-Griogair, an t-Olla Dòmhnullach, agus Iain MoristanGobhainn na h-Earadhagus mòran eile a bharrachd orra a dhfhaodainn ainmeachadh. Nach aidich na mìltean do mluchd-dùthcha gum bheil saothair nam bàrds nan diadhairean a dhainmich mi milis dam beul mar na cìribh meala, agus anail am bàrdachd cùbhraidh mar anail chaoin na h-àirde-deas.


[8]

Ach ar leam gun cluinn mi cuid, ann an spiorad -meas agus fanoid, ag ràdh, “Agus an e gu bheil thusa ameas gun do bhuilicheadh ort féin an spiorad bàrdachd ceudna a thiodhlaiceadh air na h-òranaichean cliùiteach a dhainmich thu? An e gu bheil thusa air t-àrdachadh cho mòr adbheachds adbharail féins gum bheil thu ga dchoimeas féin riutha sin?” Chaneil mi gu cinnteachs gu deimhinn. Ach ged a dhfhaodas cuid do bhlàthaibh an lioss abhlàir-a- mach bàrr a thoirt air cuid eile ann an àileachd, ’an dealbh, ’s an snuagh, cha ruig iad so a leas an gnùis fholach, ’s an cinn a chromadh gu làr le nàire. Feudaidh an tomhas féin a bhi acasan cuideachd, ged nacheil e pailt no saibhir. Agus chan ob sinn a ràdh, gabhadh daoine gu maith no gu h-olc emoladh iad no di-moladh iad mar is àill leotha, mur saoileamaid gun do bhuilicheadh oirnn càileigin do spiorad na bàrdachd nach fhaiceadh ar saothair solus na gréine; agus os bàrr cha tachradh so mur bi ar barail gum feudadh i, le beannachd Dhé, bhi chum tomhas buannachd dor luchd-dùthcha.

Ann an aon ni thabhàrdachd atoirt buaidh thar gach modh teagaisg agus gnè sgrìobhaidh eile, —agus is e so e, gun dean achuimhne greim nis luaithe agus nis buaine oirre na air gnè chainnte no chòmhraidh air bith eile; agus thachùis mar so gu sònruichten uair a tha i féin agus ceòl binn, blasda air an nasgadh ann am bannaibh pòsaidh ra chéile.

Aon fhocal eile agus sguir sinn. Chan ann le sùil ri buannachd shaoghalta, no fo ghlòir-mhiann a tha sinn acur a mach ar leabhair. Ma dhìolas e a chostas tha sinn làn riaraichte. Nam biodh mòr dhéigh againn air ainm no cliù cha bann mun àm so latha a thigeadh ar leabhar am follaischa bhiodh e fo dhubhar craoibhe, no fo bhruaich ann an gleann falach aimsir cho fada. ’S fhad o thòisich sinn féins abhàrdachd air leannanachd ra chéile. Nam bitheadh-maid déigheil air cliù no ainm chan annn uair a tha ar ceann air liathadh, ’s air ciabhagan air tanachadh a chìte sinn an tòir


[9]

air an fhaileus fhaoin agus fhalamh sin, a chuireamaid a mach ar leabhrantoradh ar cinns ar cridhea chur eòlas air an t-saoghal, ’s a chosnadh a dheadh-ghean, a chliùs a chàirdeas.

Falbh, mo leabhran, gabh do chuairt,
Deas as tuathan tìr nam beann;
Beannachd Dhé biodh leat as buaidh
Cur smior as smuais gach uair adchainnt.

Gnè choimhicheas cha chuirear ort,
Oir chaneil olc adbheachd na drùn;
Ged dhfheudas doidhirp a bhi bochd
Am barail cuid a leughas tu.

Na biodh sgàth ort, na biodh fiamh,
Riamh bham bàrd á fàilte cinnt’ ,—
Be so àbhaist tìr nam Fiann,
Anns gach àl as anns gach linn.

As ged a dhfheudas cuid achòmhl
A dhùnadh orts a bhi riut fuar;
An aiteam ni so cha bhi mòr,
S cha deanar e le daoine suairc’.

A leabhair bhig bi uam atriall
Biodh piseach ort gach taobh a théid,
Adchuideachd rachadh beannachd Dhia,
As aobhar cuirear leat am meud.

Mòr ghràdh Iosa cuir an céill,
A ghràdh do pheacaich as do Dhia;
S mu chuid da fhianuisibh thoir sgeul,
A chog fobhrataich as fosgiath.

Sgeul na beatha ud bu chruaidh
Am fad air chuairt bha es an t-saoghal;
A mhòr fhullangais biluaidh,
S muaiseirigh on uaigh maraon.


[10]

A ghràdh do pheacaich seinn air chòir,
As gràdh leòsan thugar dha:
Ghràdh air thalamh, ’ghràdhan glòir
Gràdhthug barrachd air gach gràdh.

Imich uam mo leanamh beag,
Gedsean a taim mo cheud chuid thu;
Do chùram air mo Dhia do leag,
A bheannachd ort is e mo rùn.

title[intro]
internal date1868.0
display date1868
publication date1868
level
reference template

Laoidhean agus Dain %p

parent textLaoidhean agus Dain
<< please select a word
<< please select a page