AM BIOBULL.
Co dh’innseas dhomh cò dhealbh na saoghail?
’S na nèamhan àilt gu h-àrd a sgaoil,
Os ceann na talmhainn fhalamh, fhaoin?
Am Biobull.
Cò thug dhomh sgeul air tùs gach ni—
Cò thug dhoibh bith, a’s cruth, a’s brìgh,
Le mais’ a’s oirdheirceas gun dìth?
Am Biobull.
Cò dh’innseas dhomh mar las a’ ghrian
A lòchrain ghlòrmhor, lasrach, dhian?
O shiorruidheachd gu bheil thu Dhia?
Am Biobull.
Cò thug dhomh sgeul mo chruitheachd féin?
’S mo cheud staid shon’ am pàras Dhé?
M’àrd smachd os ceann gach ni fo’n ghréin?
Am Biobull.
Cò dh’innseas dhomh gur àrd thu, Dhé,
Os ceann mo smaointean lag gu léir,
Do ghlòir gu’n lion i talamh ’s nèamh?
Am Biobull.
Cò dh’innseas dhomh le dearbhadh fior
Mar bhris mi’n tùs do lagh, ’s do riar?
’S mar chaidh air seachran o Dhia?
Am Biobull.
Cò dh’innseas dhomh mo chor an tràs,
Gu firinneach gun bhreug, gun bhàigh,
’S gach fòtus a tha ’m chridhe ’tàmh?
Am Biobull.
Cò thug dhomh sgeul mu’m staid air tùs,
Mar thréig mo neart mi a’s mo lùths,
A dhìt ’s a chasaid mi ’s gach cùis?
Am Biobull.
Cò ’n sgàthan anns am faic mi féin
Gach gràinealachd tha ’tàmh a’m’ chré?
’S gach dubhailc fholaicht’ tha fo m’ sgéith?
Am Biobull.
Cò thilg fo smalan mi ’s fo bhròn,
Le bhagraidhibh ro chruaidh a leòn?
’Shàth saighead chorranach a’m’ fheoil?
Am Biobull.
Cò, ’n uair shaoil mi a bhi saor,
A thilg ’an geimhlibh mi, ’s an daors’?
A dhruid a steach mi air gach taobh?
Am Biobull.
Cò, ’n uair ghlaodh mi ann am chàs,
A dh’fhosgail bealach dhomh chum slàint’?
A bhris gach cuibhreach dhiom a’s sàs?
Am Biobull.
Cò, ’n uair luidh oidhch’ a’s gruaim
Air uchd m’ anama, ’s a bheuc cuan,
A labhair sìth ri m’ chogais thruaigh?
Am Biobull.
Cò ’thaom gathan gréin’ a’s là
Air uchd m’ anama le caoin dhears’,
A lion le solus e ’s le blàth’s?
Am Biobull.
Cò ’sgap an duibhre a’s a’ mhùig,
A chlaon, a dhall, ’s a mheall mo shùil?
S’ a threòraich mi mar lòchran iùil?
Am Biobull.
Cò an tobar fallan, fuar,
’Chaisg dhomh m’ ìota ’s an an-uair,
Do m’ chrìdh’ thug fionnaireachd gu luath?
Am Biobull.
’N uair bha Sàtan orm ’an tòir,
Gun ionad dìdein dlùth a’m’ chòir,
Cò rinn furtachd orm a’s fòir?
Am Biobull.
Cò a’ chruit a’s binne ceòl?
Ciod an sgeul is binne glòir?
Ciod an taisg-thigh ’s luachmhoir’ stòr?
Am Biobull.
Do ’n truaghan a tha loite, brùit’,
Do’n anmhunn a tha lag a’s ciùirt’,
C’àit’ am faighear slàint’ a’s lùth’s?
’S a’ Bhiobull.
C’àit’ am faigh an t-acrach lòn?
Am pàiteach fior-uisge r’a òl
A bheir an t-anam seargta beò?
’Sa’ Bhiobull.
A fhradharc, c’àit’ am faigh an dall?
Am bacach leòinte lùgh nam ball,
A bheir gu coiseachd e nach mall?
’Sa’ Bhiobull.
Cò bheir subhachas do ’n chrìdh’?
Cò bheir misneach dha a’s clìth?
Cò, ged sheachd e, bheir dha brìgh?
Am Biobull.
Cò a shàsaicheas am bochd?
Cò a chomhdaicheas an nochd?
Cò bheir saorsa o gach lochd?
Am Biobull.
Cò bheir air an fhàsach chruaidh
Teachd gu àilleachd agus snuadh?
A sgaoileas maise air ’bhios buan?
Am Biobull.
Fàilt ort féin a Leabhair naoimh!
Fàilt ort féin a theachdair chaoimh!
Fàs am meas am bheachd a chaoidh,
A Bhiobull.
’Am chluais do sgeul biodh binn gu bràth,
Do m’ bhlas ro mhilis biodh gach tràth,
Do theagasg biodh a’m’ chrìdh’ gach là,
A Bhiobuill.
A’d’ sgàthan àillidh chunn’cas thall,
An Ti mo shaorsa ghabh os làimh—
An Ti tha seasamh rium an dàimh.
A Bhiobuill.
A chaoidh a’d’ sgàthan shoilleir réidh,
Sior dhearcam air, is faiceam e,
Gus ’na ìomhaigh ’n dealram féin.
A Bhiobuill.
O! gabh do thurus do gach tìr,
Le d’ theachdaireachd is torail brìgh,
Ag aiseag pheacach dh’ ionnsuidh sìth.
A Bhiobuill.
Réidh gu’n robh do cheum thar tonn,
Gu’n cuartaich thu gach tìr a’s fonn,
’S gu’m brùchd fo bhlàth gach fasach lòm,
A Bhiobuill.
title | 10 |
internal date | 1868.0 |
display date | 1868 |
publication date | 1868 |
level | |
reference template | Laoidhean agus Dain %p |
parent text | Laoidhean agus Dain |