[47]

URNUIGH ANN AN TRIOBLAID INNTINN.

Tha manam fo bhròn, tha manam fo leòn,
S ro chianail mo dhòighs gur deurach;
Tha manam an sàs, an cuibhrichean bàis,
S cha leighiss cha slànuich léigh mi:
Tha manam á gleus, —ruith, lasaich gach teud,
Rinn maighear gu léir mo thréigsinn:
Fuaim aoibhneis no ceòl cha lughdaich ri mbheò,
Tròm eallach mo bhròin as méislein.


[48]

Call stòrais no ni, call slàinte no clìth,
Call spionnaidh, no spìd, no spéirid,
Chan e tha micaoidh, chan e rinn mo chlaoidh,
Bfhaoin, an coimeas, mo shuim gu léir dhiubh;
Fàth miarguins mo bhròin, ’s gach gath rinn mo leòn,
Mo thrioblaid, mo dheòir, ’s mo dheuchainn
Easumhlachd mo chrìdhdo thoil an Ard Rìgh,
S nacheil mis gach nitoirt géill dhith.

O dfhaighidinn chaoin, o diochd do chlann-daoin,’
S do thròcair ro shaor don fheumach,
Cha dfhògradh o dghràdh, cha dfhògradh o dghràs,
Gu buileachs gu bràth gu h-eug mi:
A tobar do ghaoil, an tobar nach traoigh,
Tobar glanaidh as saorsnan ceudan;
Biodh manam sìor òl don ìocshlainte chòrr,
Culaidh leighis gach leòns gach eucail.

O! faiceam do shlàint’, O! blaiseam do ghràdh,
Biodh dealta do ghràis abraonadh,
Air dìthreabh mo chrìdh’, ’am fàsach gun bhrìgh,
Neo-thorach le ni ach faoineis;
S nach friamhaich ann pòr, ’s nach abuich nis ,
Ach luibheannan feòlmhor, breuna:
N sin fàsaidh gun gach siol as brìgh,
S bheirear glòir don Ard Righ da réir sin.

Sgap gach dubhar as ceò, ’dhall minntinn len sgleò,
Chleith solus an s na gréinuam;
S biodh gathanna blàth an t-soluiss an
Bho ghnùis t-Aon-ghin adears’, a Dhé orm:
O! deansa mo dhìon, as saor o gach lìon
Sgaoileas nàmhaid mo shìth gu mléirsgrios;
Trìd laigse thoir buaidh, le dghràs cum mi suas,
N àm teanntachd no cruas na tréig mi.

S cha saorsa a mhàin o dhaorsa abhàis
Tha manam gun tàmh an déigh air;


[49]

Ach saorsa gu sìor o dhaorsa neo chrìon
Na feòla tha millteach, éitidh.
O! càirich a rìs tfhéin ìomhaidh amchrìdh’,
As sàsaichear minntinn féin leath’;
S biodh do thoilsa, a Dhia, mar dheoch as mar bhiadh,
S bi-sa dchuibhrionn gu sìor thu féin domh.

title11
internal date1868.0
display date1868
publication date1868
level
reference template

Laoidhean agus Dain %p

parent textLaoidhean agus Dain
<< please select a word
<< please select a page