[49]

CEOL.

’S binn caoirean nan caochan ’an aonach nam beann,
’N uair than latha asgaoileadh air aodan nan gleann;
S binn osna na gaoithe, ’s gur aobhach a toirm
Air ciùineachdon doininn, ’s air cadal don stoirm.

S binn co’ -sheirm na coille, nan doire, ’s nan stùchd,
S ro bhlasda an ceòl es an òg mhaduinn dhrùchd:
O! ’s taitneach ra chluinntinn geum laoigh tighn on chrò,
S binn gàirich na tuinne, as bàirich nam .

S binn naigheachd air caraid chaidh fada air chuairt,
S cha seirbhe guth leannain dhfhàs banail as suairc’;
S ro bhlasda guth màthar làn blàis agus gaoil
Mar cheòl iad nach àluinn, nach càirdeil, nach caoin?

Ach tha ceòl ann is uaislena bhuadhaibh gu mòr,
S tha fuaim ann is binne, ’s is grinnair gach dòigh;
Tha poncan is milsann, nach diobair gu sìor,
Gach ceòlrinn thu sòlasachn oir no an iar.

Nach milis mar cheòl e, nach bòidheach, nach binn
Guth chlag mhaduinn Dhòmhnuich, nach sonraichte grinn?
Na fuinn ud ro àluinntha fàilteachan
A bheannaich an t-Ard-Rìgh gu slàinte nan slògh.

Nach binn achruit-chiùil ud, nach rùnach gach ial,
An cridhe trom, brùite ag ùrnuigh ri Dia?
Nach taitneach mar cheòl e, nach bòidheach, ’s nach caoin
Guthmholaidh, a shòlais, a dhòchais, a ghaoil?

title12
internal date1868.0
display date1868
publication date1868
level
reference template

Laoidhean agus Dain %p

parent textLaoidhean agus Dain
<< please select a word
<< please select a page