BEATHA.
Cha ’n e beatha miann na feòla
’Shàsachadh le deòin do chrìdh’;
Cha ’n e beatha airgiod, stòras,
Cuirm a’s ceòl, a’s òl gun dìth.
Cha ’n e beatha òr a’s airgiod
Chàrnadh suas ’n an cruaich ’s ’n an tòrr;
Cha ’n i beatha beath’ a’ chealgair—
Dealbh an rìgh a’s deiltreadh òir.
Cha ’n i beatha glòir an t-saoghail,
’Tha mar cheò air aodann bheann;
Caochlaideach mar na gaothaibh,
’S faoineis dòchas a chur ann.
Cha ’n i beatha mòrachd, cumhachd—
Inbh’ a’s urram ’tha neo-bhuan;
Glòir a’ chobhair air na sruthan,
Air a thurus thun a’ chuain.
Cha ’n i beatha sgèimh na h-òige,
Mais’ an neòinein air a’ bhlàr;
Cha mhair ach sealan beag a bhòichead,
Théid ’n a smùr a bhun ’sa bhàrr.
Cha bheatha beath’ a’ ghaisgich—
Spùinn, a’s creich, a’s fuil, a’s gaorr:
Feuch e taisgte fo na leacan,
’S eascaraid ’n a thaic’ ’s r’a thaobh!
’S i beatha eòlas an Fhir-Shaoraidh—
Tobar gaòil a chaoidh nach tràigh;
’Sruthadh suas ’s a’ chridhe daonnan,
’S nach tiormaichear le gaoth a’ mhàirt.
’S i beatha gaol Dhé anns an anam,
Spiorad Dhé ’ga fhadadh suas;
Gaol ge d’ chlaoidhear e ’bhios maireann,
Air gach dubhailc a’ toirt buaidh.
Gaol air tùs do Dhia, an t-Ard Righ,
Gaol do Shlànuighear nam buadh:
Gaol do Spiorad Naomh nan gràsan,
Gaol osbàrr gu bràth d’a shluagh.
Gaol do’n fhirinn, gaol do’n fhirean,
Gaol do’n fhìorghloine ’s do’n chòir;
Gaol ’bheir fuasgladh ri àm cruaidh-chais,
Gaol do’n truaghan bhochd gun treòir.
Gaol do’n bhochd, a’s gaol do’n bheairteach,
Gaol do’n ascaoin a’s do’n chaoin;
Gaol a shìneas gréim do’n acrach,
’Réir a chomais ’bheir gu saor.
Gaol tha farsuing, fial, neo-fhéineil,
Gaol tha tréibhdhireach, gun ghò;
Gaol a dh’éisdeas sgeul an fheumnaich,—
Seadh, a dh’éisdeas e le deòin.
So i beatha sonas sìorruidh,
A’ bheatha a bheir Criosd d’a shluagh;
Do gach eucail tha ’n a h-ìocshlaint’,
Thar gach nàmh bheir tuille ’s buaidh.
So i, iarr i, na gabh diùltadh,
Iarr le dùrachd ’s faighid bhuan;
’S gheibh thu i gu saor, gun mhaoidheadh,
Air sgàth ùmhlachd bàis an Uain.
’S bheirear leis fadheòidh gu glòir thu,
’S bidh do chòmhnuidh mar ris féin;
’S gu sìor á tobraichibh a shòlais
Olar leat gach àl a’s ré.
’S ithear leat do mheas na craoibhe,
’N cois na h-aibhne chaoidh nach tràigh:
Craobh na slàinte a’s a’ chaoimhneis,
Craobh an aoibhneis a’s a’ ghràidh.
So i beatha, so i slàinte,
Comunn gràdhach Dhé na glòir;
Beatha mhaireannach, neo-bhàsmhor,
’Bhios gu bràth a’ dol am mòid.
title | 15 |
internal date | 1868.0 |
display date | 1868 |
publication date | 1868 |
level | |
reference template | Laoidhean agus Dain %p |
parent text | Laoidhean agus Dain |