[56]

AM BAS.

Am bàs dhòmhsa tha do thuigsinn
tha foluichte o mshùil;
ge dìomhair tha sàr chinnteach,
dan strìochd gach uile dhùil.
Bàs na craoibhe, duilleach seargta,—
Culaidh bhainse air abhlàr,
Gaothg a sgaoileadh air na raointean,
Ceann air maoladhs e gun àgh.


[57]

Bàs an fheòir, an ùr ròs bhòidhich,
Bu nòsaires a bòrdhearg snuadh,
Seachdta, seargtashiubhail, dhfhalbh e
Thréig a dhealbh e as a thuar.
Bàs an earraich, bàs an t-samhraidh,
Feuch an geamhradh, sud am bàs:
Fuachd as feannadh, sneachd as gaillionn,
Thréig an anail iads an càil.

Speuran gruamach, gaothaibh fuaimneach,
Sranna nuas o chruach nam beann:
Loch as fuaran, ’s alltan luaineach,
N an lic fhuair gun fhuaim, gun chainnt.
Theich am breac gu grunnd na linne,
Theich am fiadh gu srath nan gleann;
Uan no meann chaneil ri mireag
Cuach cha ghoiran coill non crann.

Feuch eòin an t-sléibhs an cinn fon sgéith,
G am folach féin an còs nam bruach:
Aghrian neo-shunndach mu éiridh,
Achn a leum gu doln a suain.
Bàs na bliadhna leinn ge cianail,
Cha chùis iarguin e no bròin:
Bheir grian an àigh as dealta blàth,
Gach ni gun àbhaist as gun nòs.

Còmhdaichear achoill le duilleach,
Chithear gucag air gach géig:
Sgeadaichear gach srath as munadh,
As beothaichear gach ni a dheug.
Cuiridhchoilledeise bhainnsoirr’,
Cluinnear càntaireachd as ceòl:
Subhachéibhinn bidh gach creutair,
As éisleanach cha bhi nis .

Tham bàs duaichnidh, ogluidh, gruamach;
Rìgh nan uamhas e gu dearbh:
Bàs an duine thar na h-uile
Rinn a bheath a dubhach, searbh.


[58]

Faic em Pàras mar a bha e,
Creutair àluinn air gach dòigh;
Iomlan e ocheann gushàiltean,
E gun fhàiling a dhaon seòrs’.

Anam naomha, anam gaolach,
Teampulls an robh gaol atàmh;
Inntinn fhallain, shoilleir, ghramail
Nach bu mhaiseach e mar bha!
Iomhaigh Dhia gu foirfe shios ann;
Gloin’ ’s an dfhoillsich Dia e féin;
Uile cheudfaidhn sìth ra chéil’—
Neach dan tug an Trianaid spéis.

O! bu tràth a chlaon e, bhàsaich,
Thuit gu làr o àird a ghlòir;
Thàinig smal as sal airanam’,
Rinn emhalairt nach bu chòir.
Thréig a Dhia e, dheug a dhiadhachd
Dhfhàs e iarguineach as truagh;
Dheug a shonasmheall an donas
Dhall, as mheall, as thug e buaidh.

Luidh tiugh dhorchadas airanam
Luidh tiugh aineolas mar cheò;
Do gach subhailc feuch e falamh
Do gach dubhailc faic e beò.
Feuchn a nàmhaid dhfhàs do Dhia e;
Faic don diabhol etoil géill;
Tràill don fheòils da h-anamiannaibh,
Iad gun taod no sriann am beul.

Bàs na colla, ’s breun a bholladh,
Chairbh, a chlosach gun an deò;
Tuar mar shneachd’, a mais air seachdadh,
As air an ais cha phill nis .
Sùil gun leursainn, beul gun deudach,
Cluas gun éisdeachd, làmh gun chlìth;


[59]

Beul gun ghàire, sròn gun àileadh,
Am bian air fàs gu h-uaine lìth.

Ach an e som bàs gu h-uile,
Mun do labhair mi amdhàn?
N uaighn do shluig e sìos gu buileach?
M buadhaich air gu buans gu bràth?
An cadal etha bith-bhuan, sìorruidh?
Air amhilltear an tug buaidh?
N do dhruideadh es an t-slochd gun ìochdar?
N tig gu crìoch gu sìor a shuain?

Gun teagamhs e so rùn an aingidh
Miann an t-seachranaich o Dhia;
Feuch tha sìorruidheachdn a bheachdsan
Na cùis eagail feadh gach iall.
Am bàs cha chadal e gun dùsgadh,
A chiontaich ge d’ ’s e so do mhiann;
S beatha ùr e tha gun mhùthadh
Mùthadh air cha tig gu sìor.

Feuch e steach an gleann nan sgàilean
Gleann nach àluinn, doilleir, fuar;
S nochdar lomnochd e mar tha e
Ann an làthair Rìgh nan sluagh.
Imich uam,” ’s e so an t-òrdugh,
Steach do mghlòir a chaoidh cha téid;
Air mo shlàintcha ghabhadh eòlas,
As do mòrdugh cha tug géill.”

Fuadaichear gu slochd abhròin e
Slochd na dòruinntha gun chrìoch;
Slochd gun solus, slochd gun sòlas
Aigein an eudòchais shìor.
A mhiannaibh truaillidh tha mar bha iad,
Iad cha sàsuichear a chaoidh;
Aignen tòir air nithibh feòlmhor,
G a shàrachadh gu bràths ga chlaoidh.


[60]

Dealuichte bho Dhias bho shonas,
N a choigreach air fois as tàmh;
An comunn oillteil dhiabhols dhonas,
An loch aphronnuiscchaoidh asnàmh.
S ge dis uamhasach a dhòruinn
S ann am mòid a théid ighnàth;
Sn uair a ghairmear thun amhòid e
Ruigidh i fadheòidh a h-àird’.

An sin acholunn as an t-anam
Pòsar ann an ceangal teann;
S a chaoidh cha lasaichear na bannan,
S mairidhn ceangal tre gach àm.
Feuch a nise duais apheacaidh!
Faic a nis an dara bàs!
Gabh le duile dhùrachd beachd air,
S teich on chreachadairn a thràth.

Iarr as gheibhear, sir as aimsidh,
Buail an doruss fosglar fial;
Iarr le uile dhùrachd tanama,—
Air sgàth Iosa sir as iarr.
S en diugh latha caomh na slàint’,
(Mar bhalbh shruth tha gun tàmhdol seach’ ,)
Mun iadh oidhche dhorch abhàis ort,
S nach deanar gniomh no stàth le neach.

title16
internal date1868.0
display date1868
publication date1868
level
reference template

Laoidhean agus Dain %p

parent textLaoidhean agus Dain
<< please select a word
<< please select a page