[60]

FLAITHEANAS.

Innis nam flath, innis nan naomh,
Tìr an t-soluis, tìr aghaoil;
Tìr achiùil as binne fuaim
Tìr gun dorchadas, gun ghruaim;
Tìr gun acaid, cràdh, no bròn
Aros àluinn Rìgh na glòir.


[61]

Tìr nan speuran dealrach, glan,
Gun aon neul bheir orra smal;
Gun atharrachno caochladh sian,—
Gun fheum air gealach, reul, no grian;
Tìr an Uain thug buaidh lebhàs,
A grians a solus niss gu bràth.

Tìr nan tobraichean nach tràigh;
Tìr nan crann nach cail am blàth;
Tìr nam measan blasda, cùbhr’,
Tìr nam fonns nan inneal ciùil;
Tìr gun osna, tìr gun deòir,
Tìr gun anshocair, gun leòn.

Feuchan sudn an trusgan geal,
Culaidh dhealrach tha gun sàl,
Gach truailleachd air a ghlanadh uath
Ann an tobar folan Uain;
Anama saorta, anama glan,—
Ge dsalach bha tha nis gun smal.

Faic an dearsadh than an sùil,
Faic amhaise than an gnùis;
Cluinn na h-òrain tha nam beul,
Cluinn an naigheachd, cluinn an sgeul;
Sgeul as binne chualas riamh
Le cluas duine, le cluas Dhia.

Bha sinn marbh ach tha sinn beò,
Fad air seacharans acheò;
Thréig sinn Dia, mhi-bhuilich sinn
A chuibhrionn luachmhor thugadh dhuinn;
An glaic ar nàmh gu teann an sàs,
Bhuadhaich oirnn an t-olcs am bàs.

N ar tràillean bha, (a nis tha saor),
An tìr abhàis, an tigh na daors’;
Am plaosgaibh falamhg iarraidh lòin,—
Diùltadh slàinte, gràs as glòir:


[62]

Ar n-aimhleas bannsa na ar leas,—
Air son léirsgrios abuich, deas.

Ach dhfhosgladh dhuinn ar sùiln a thrà
Chunncas leinn ar cor mar bha;
Chualas guth acholmain chaoin
Guth an Uain, sèimh ghuth a ghaoil,
Thàirneadh sinn le còrdaibh gràidh,
S thugadh sinn gu tìr an àigh.

Ar n-uile shalchar nigheadh uain,
Ghlanadh sinnam fuil an Uain;
Sagairts rìghrean rinneadh dhinn,
Do Dhias do Iosa feadh gach linn:
Da mholadh-san am fàs sinn sgìth
Thug dhuinn slàinte niss gu sìor?

S airidhn t-Uan a strìochd don bhàs
Air glòir as urram, ’s cliù gu bràth;
S airidh esan thug abhuaidh,
Sgrios am bàs, a chreach an uaigh:
Le lot do leigheas lot ar nàmh,
Leùmhlachd, ’fhulangais, ’s lebhàs.

Le Dia do rinneadh esan dhuinn,
Na ghliocas, fhireantachd, gach linn;
Lespiorad dhionnlaid o gach sal,
As sgeadaich sinnan trusgan geal
An culaidh ghlan a naomhachd féin,
Ni sona sinn air feadh gach .

Molaibh an t-Uan a fhuair am bàs,—
Molaibh, molaibh e gun tàmh;
Molaibh a thròcair as a ghaol,
Molaibhn uair théid na smàl an saoghl,
N uair a sgriosar fonn as cuan,
Le teine lasrachloisgear suas.

Molarn t-Uan a fhuair am bàs
Le naoimh, le ainglibh feadh gach àl,—


[63]

Len clàrsaichean as binne ceòl
Leò àrduichear a chliùs a ghlòir
Tré fharsuingeachd an t-saoghil air fad,
Leò molar e gun sgìos, gun stad.

As molar e air thalamh fòs,
Le naoimh tha fhathast anns an fheòil;
Leò molar e air son na bha,
Na rinn, na dhfhuiling e, ’s na tha,—
Air sonfholadhoirt gu saor
Am meud a thròcair as a ghaoil.

Molar an t-Athair as am Mac,
Molar an Spiorad Naomh gun achd;
An a thug a Mhac gu saor
Na fhullangasaibh nach do chaoin;
An Spiorad fòs bheir neart as buaidh,
S a threòraicheas gu sonas buan.

Innis nam flath, innis an àigh,
Air nach ruigear ach le spàirn;
Oir than t-slighe docair, caol
Cunnairt lionmhor air gach taobh;
Ach tharta bheirear tuilles buaidh,
Tre chreidimh ann am fuil an Uain.

title17
internal date1868.0
display date1868
publication date1868
level
reference template

Laoidhean agus Dain %p

parent textLaoidhean agus Dain
<< please select a word
<< please select a page