RABHADH DO’N MHUINNTIR NEO-IOMPAICHTE.
Chaidh am Fogharadh seachad, tha ’n Samhradh criochnaichte ach cha ’n ’eil sinne air ar saoradh. —Jer. viii. 20.
A leisgein, grad mhosgail o d’ shuain,
Grad mhosgail ’s an uair o d’ fhois:
Chuir cuibhle bliadhn’ eile dhi cuairt,
’S tha aimsir ’ruith luath gun chlos.
Mar amhainn a’ siubhal gu dian,
Tha làithe a’s bliadhnaidh gach neach;
’S cha dealraich ort gealach no grian
Nan làithean ’s nam bliadhnai’ chaidh seach.
Tha àm agus trà aig gach nì,—
’S e àm chur an t-sìl am màrt,
Am ghartghlan gach luibhneach gu ’n bhrìgh,
Am fàsach gach nì gun stàth;
Am àitich gach fearainn a’s fonn,
Am ruamhar gach tòm ’s gach glaic,—
’S an duin’ a bheir buil as le conn,
Cha ’n fhaicear e lom n’ an airc.
Tha gàradh an leisgein gun dìon,
Tha ’challaid a’ crion’ air làr,
Tha copag a’ fàs ann is feur,
Is cluarain gu dian a’ fàs.
’S ged chuir’ thu ann sìol do gach seòrs’,
A chaoidh cha tig lò ’bheir meas,—
Mur taisg thu an cogul a’ d’ stòr,
’S mur tional thu lòn o ’n dris.
Mur tional thu figean o ’n dris,
Is fion-dhearc o ’n ghigan-gheur,
Gnè thoraidh cha ’n fhaighear ’na lios;
Gnè thoraidh ’m bheil brìgh no feum;
’S ged ghabhadh an fheòil iad mar bhiadh,
’S ge d’ bhiodh iad a’ miann da réir,—
An lòn iad do ’n anam chuir Dia,
A ghaoidhein, gun chiall a’ d’ chré?
Mar Eden, làn aoibhneis is glòir,
Mar Eden, an tòs an t-saoghail,
Mar Eden, ’m fad dh’ ìocadh a’ chòir,
Le ’r sinnsear’, le deòin a’s gaol;
Mar Eden, làn sgeudaicht’ le mais’,
Mar Eden, ’n robh tlachd an Triath,
Mar Eden, bha ’n t-anam làn snas,
Mar Eden, ’na theach aig Dia.
’S tur chaochail a dhreach a’s a shnuagh,
’S e fastail na truaigh ’s a’ bhròin;
’S e ionad na h-euslainte chruaidh,
A lagaich gach buaidh ’s a leòn;
’S e dachaidh a’ pheacaidh ’s a’ bhàis,
’S e ’n t-ionad gun àgh, gun ghlòir,
’S e ’n uaigh e do thruailleachd làn,
’S e ’n talla gun ghràdh do ’n chòir.
Tàmh-ionad gach farmad is eud.
Gach toibheum, gach breug a’s sgleò:
Teach duaichnidh gach uilc agus beud,
A chual thu fo ’n ghréin ri d’ lò;
’S e ’n fhàrdach gun solus, gun ghrian,
An teampull gun Dia ’n a chòir;
’S e altair a’s àros an diabhoil,
’S am bheil e a’ riaghl’ ’n a ghlòir.
’S e Sàtan a dh’ fhuasgail gach srian,
A chàraich làmh Dhia ’n a d’ bheul;
’S e dh’ fhadaidh gach eibhl’ anamiann,
Las teine cho dian a’ d’ chreubh;
’S e chòmhdaich sùil t-anama le ceò,
A mhùch an naomh dheò bha d’ chrìdh,
A cheil ort an solus ’s an lò,
’S a shìol-chuir gach pòr gun bhrìgh.
’S e shìolchuir gach pòr gun bhrìgh
A’ d’ anam gun dìth a steach;
A ghoid uait do neart a’s do chlìth,
’S na d’ chodal a bhriodail seach’.
O! leisgein, cuin’ sguireas do shuain?
Nach tàr thu o ’n uaigh a mach,
Mu ’n tuit ort an cadal tha buan,
’S mu ’n tig ort là cruaidh na h-airc.
Tha ’n là sin ag iathadh ort dlùth—
Ort thig e gun sùil r’ a theachd;
Mar ghoideas an gaduich’ á cùil,
’S cha ’n fhalbh e gun spùinn ’s gun chreach.
’N uair dhlùitheas an t-aog ann a d’ dhàil,
’S ro fhiata a’s grànnd a shnuagh;
’S cha ’n fhògrar a mach e a’ d’ là’ir,
Gus an cuir e am blàr le buaidh.
Thriall sàmhradh a’s earrach do làith’,
’S tha thusa a’ d’ thriall gun saors’,
’S cha d’ fhògradh an galar ’s a’ phlàigh
A thilg thu ’n a d’ thràill an daors’.
’N sìol chinnich ’s a chuireadh a’ d’ fheòil,
A’ d’ leanabas ’s a’ d’ òig gu pailt,
An diong e gu suthain, mar lòn?
Na ’n cum e thu beò gun airc?
Luidh sneachda na h-aoise mu d’ ghruaig,
Thriall maise do shnuaigh gu léir,
Reodh ’n smior a bha d’ chnàimh a’s an smuais,
Thraoigh a’ chuisle bha uaibhreach’ treun;
Dh’ eug fradharc a’s dèarsa do shùl,
’S cha dean iad do stiùr’ mar b’ àbh’st;
’S tha dorsan na claisteachd ’s a’ chiùil,
Air druideadh, gun sunnd, gun stàth.
’M bheil innleachd, no gliocas ’s a’ bhàs,
Dòigh tàraidh o chràdh ’s o thruaigh?
Mar thuiteas a’ chraobh air an làr,
An luidh i gu bràth ’s gu buan?
An cluinnear an rioghachd a’ bhàis
Aon iomradh gu bràth air saors’?
Na ’m fuasglar o ’n geimhlibh gu bràth,
Na braighdean tha ’n sàs an daors’?
Am fàgar aon chraobh anns an lios,
Mar giùlain i meas a’s blàth,
’S ann loisgear, mar chonnadh, gun mheas,
A’ chrìonach ’s an dris gun stàth?
“Nach leòir iad bhi suidhicht’ ’s a’ ghàr’—
’S do dhuilleach fo stràchd nach faoin?—
Gearr sios iad, ’s grad thilg as mo làth’ir,
Ghabh m’ anam dhiubh grian, ’s cha ghaol.”
Nach mithich bhi ’g amharc a null?
Nach mithich chur sùrd air d’ fheum?
Nach mithich bhi d’ chaithris ’s a’ d’ dhùsg,
Mu ’n crannar, ’s mu ’n dùint’ ort nèamh?
Mu ’n iadh umad latha a’ bhròin,
As latha a’ mhòid r’ a chùl,—
’S an nochdar am breitheamh ’n a ghlòir,
’S an seas thu ’n a’ chòir glé dhlùth?
title | 18 |
internal date | 1868.0 |
display date | 1868 |
publication date | 1868 |
level | |
reference template | Laoidhean agus Dain %p |
parent text | Laoidhean agus Dain |