AN TUIL.
Tha ghrian anns na h-àrdaibh ag éiridh gun ghruaim,
’S an saoghal bu shàmhach a’ dùsgadh á shuain;
Tha ceòlrai na coille a’ gleusa ’n cruit chiùil,
Cur fàilt air a mhaduinn le aighear a’s sunnd.
Tha maise a’ chéitein air réidhlein nam beann,
Air coille nam badan, ’s air lagan nan gleann;
Sgaoil samhradh na maise a’ bhrat air gach taobh,
’S air aghaidh a’ chruinne tha gean agus aoidh.
Tha choille a’ lùba’ fo dhrùchd a’ mhìos Mhàigh,
Barr-guchd air gach fiùran, ’s gur cùbhrai’ am fàil’;
’S am barra nan ògan tha còisridh nam fonn,
Le ’n ribheide ceòlmhor, ’s le ’n òrain nach tròm.
Tha canach air mòintich, tha neònein air blàr,
Tha fiùrain a’s ògain gu nòsar a’ fàs;
Tha fochann air còmhnard, tha lòdail gun dìth,
Le ’phailteas cur sòlas is dòchas ’s a’ chrìdh’.
Tha’n ceannaich r’a cheannachd, tha’n treabhaich ri stà,
Tha upraid is iomairt gun tilleadh ’s gach àit’;
Tha ’m buachail gu h-aotrom ri aodan nan càrn,
Ag iomain nan caorach, ’chruidh-laoigh, a’s an àil.
A mach feadh nam bruachag, a’s chluaintean an fheòir,
A’ mireadh ’s a’ ruagadh, gun ghruaman nan còir,
Tha ’n comunn is beadraich, clann bheaga mo ghaoil,
Gun chùram ’s gun eagal, ri cleasachd neo-chlaon.
Cia nise am bagradh a chuireadh oirnn sgàth,
’Thuirt gu ’n robh ’m breitheamh gu ’r milleadh gun bhàigh?
E sgeudaicht’ le corruich, ’s le torran nan spéur,
Chuir an t-saoghail am mugha, a chruthaich ’e féin?
Faoin sgeul gun fhìrinn, gu cinnteach, a bh’ ann,
A’ chuireadh an ìre an dìle bhi teann;
Tha gach nì mar bu ghnà, air gach làimh agus àird,
Bho choidil ar sinnsear, tha gach nì mar a bha.
’S e Noah bha baoghalta, a shaothraich cho dian,
A’ sgaoileadh an fhaoin-sgeul nach fheud a bhi fior,—
A sgap a chuid stòrais, gun sòradh gun stàth,
Air obair na gòraich—bu neònach sud dha.
Cha chuala mac-samhuilt an naigheachd ud riamh;
’S ciod thuige a ghabhamaid gealtachd no fiamh?
An t-slige ’s a’ chuach, mu’n cuairt iad fo stràchd,
Gu’m b’ fhada sud uainne, gach smuairein is pràmh.
Ach ciod so a’ ghruamaich a chuartaich a’ ghrian?
Is ciod so a chuairt-ghaoth tha sguaba nan nial?
“ ’S e torman a’ chaochain o’n aonach a t’ -ann,—
’S e anail na gaoithe, o chaoin shlios nam beann.”
Tha clanna an aighir an talla a’ cheòil,
Gun chùram, gun eagal, ri beadradh mu ’n bhòrd.
Tha ’chuirm air a sgaoileadh, a’s aoibh air gach gnùis,
’S chaidh cùram an t-saoghail a thaobh a’s air chùl.
Tha ’phìob a’s an fhidheal gu fileant ri’ ceòl,
Tha ’n t-organ ’s a’ chlàrsach gu labhar ’n an còir;
Tha ’n t-òran ’s an dàn ann, tha àbhachd is mùirn,
Tha ’n cupa fo stràchd ann, fealadha agus sunnd.
Tha ’n t-òganach rìomhach, ’s an rìbhinn deas ùr,
Le ’n càirdean, ’s an dìlsean gu dìleas r’ an cùl;
A’ nasgadh am pòsadh, le deòin an luchd gaoil,
Tha aighear a’s sògh ann, tha sòlas a’s aoidh.
Ach dhorchaich an latha, tha ’n t-athar fo ghruaim,
Tha cuantan a’ beuchdaich, ’s gur déistneach am fuaim;
Tha ’n talamh a’ clisgeadh, ’s a’ briosgadh gu ’bhonn,
Bhrùchd an cuan thar a’ chladaich, le sadraich a thonn.
Chaidh sgaoileadh gu h-obunn ’s a’ chomunn bha baoth,
O! ’s ìosal an cridhe bha mireag ri ’n taobh;
Ri mionaid na h-uaire ghlac uamhunn a’s fiamh
An saoghal, mo thruaighe! dh’fhàs suarach mu Dhia.
Tha ’n t-uisge a’ braonadh ’s a’ taomadh gun tàmh,
Tha ’n dìle air sgaoileadh, a’ sgaoil’ air gach làmh,
’Nuas broilleach gach aonaich a’s fraoch bheanna cas,
Tha ’n dìle a’ brùchdadh gu dùmhail ’s gu bras.
Gu ùrlar gach glinne, o fhireach nam beann,
Tha’n dìle air mhireadh, a’ sireadh gu teann.
Tha caoirein tha cràiteach gun tàmh a’ dol suas,—
Tha ’n saoghal ’g a bhàthadh, tha ’m bàs a’ toirt buaidh.
Tha ’m bàs ann air mhireadh, a’ milleadh ’s a’ sgath,
A sàthadh gu ’n tioma ’s gach cridhe a ghath;
Mar iolair an fhàsaich, le àbhachd gun truas,
Ag òl a seachd sàth do bhlàth-fhuil nan uan.
Tha ’n dìle a’ sgaoileadh gu h-aognuidh ’s gu bras,
An dòchas nach faoin e gu ’m feudar dol as!
Tha ’n òige ’s an aois ri saothair gun stàth,
A glacaibh an aoig ud cha saorar gu bràth.
Nach cruaidh i, a’ ghàir ud, tha ’n dràst a’ dol suas,
Am bas-bhualadh cràiteach ’measg gàrthaich nan stuagh!
An glaodh a’s an iolach tha ’srachdadh nan nial,
Gun dòchas, gun fhiughair ri furtachd o Dhia.
“An cluinn thu sinn idir, am fidir ar càs?
’N do dhiùlt thu gu tur sinn, ’n do liubhair gu bàs?
A sruthaibh do chorruich an òl sinn gu sìor?
Do bhagràdh, mo thruaighe! ged bu chruaidh e gu ’m b’ fhìor.
“Gur ceart i, ar binne, O! ’s cinnteach gu leòir,—
Air Dia rinn sinn dimeas—an dimeas bu mhò;
D’a thoil cha do striochd sinn—mheas fhìrinn mar sgleò—
B’ e ar dia ar toilinntinn—ar n-iodhal ro mhòr.
“Tha ’m fìrean a chreid thu, ’s a’ chuideachd maraon,
A’ ghluais ann a d’ eagal, ’s a sheas air do thaobh,
An tearmunn na h-àirce, gun sgàth is gun fhiamh,
Roi’ dhoinionn nan àrd-bheann is àrdan nan sian.”
Tha ’n dìle a’ sgaoileadh, a’ sgaoileadh gu bras,
Thar broilleach gach aonaich a’s faoin bheanna cas;
Thar fireach gach monaidh, a’s slinnein nam beann
Tha ’m bùrlam a’ dòrtadh, a’ dòrtadh na dheann.
Tha na h-eòin bheaga bhòidheach, bu cheòlmhor ’s a’ choill,
Gun iomradh air òran fo dhòltrum is oillt;
Tha ’n spionnadh ’g am fàgail, cha dàn dhoibh bhi buan,
Tha’n nid bheag ’s an àlach a’ snàmh air a’ chuan.
Tha ’n leòmhan a b’ alluidh, ’s madadh alluidh nan càrn,
Tha sionnach an t-saobhaidh, a’s maoisleach a chà’ir,
Tha damh a’ chinn chabhraich, a’s earbag nan tom,—
An comunn a’ chéile, dol eug feadh nan tonn.
O! ’s cianail a’ ghàir ud, ’s gach ait agus taobh,
’S is cruaidh i an spàirn gu tàradh o ’n aog;
Tha gach ainmhidh fo éislein, gach creutair fo ghruaim,—
Tha ’n t-uisge ag éiridh, ag éiridh ’na cruaich.
Tha ’n treun a bha gaisgeil, tha ’n lag a bha caoin,
Tha ’n t-òg a bha sgairteil, an glacaibh an aoig;
Tha ’mhàthair ’s am macan a’ greasadh gu teann,
A’ streapadh ’s a’ dìreadh gu cìrein nam beann.
B’i iomairt a’ chruadail gun bhuaidh leatha bh’ann,
Tha ’n t-uisge a’ bualadh ri cruachaibh nam beann;
Tha ’n tuil air iom-sgaoileadh air raon agus blàr,—
Thar àirde gach monaidh tha ’tonnan toirt bàrr.
Tha ’n cath air dol seachad, an cath ud bu chruaidh,
A’s shìolaidh an eubhach bu déist’neach car uair:
An tuil bhuail a basan, le aiteas a’s fonn,
Ag eubhach buaidh chaithream, ’s an talamh fo ’bonn.
Faic toradh a’ pheacaidh, ’s a’ bhreitheanais chruaidh;
Faic caoimhneas a’s càirdeas an Ard-Righ d’ a’ shluagh;
An ciontach tha bàite, rinn tàir air a’ chòir,
Am fìrean tha sàbhailt, thug gràdh dhi le deòin.
Is faic i an Airc’ air bharra nan sùgh,
Gun chombaist, gun acair, gun acfhuinn, gun siùil,
A’ gabhail a cùrsa fo stiùradh Mhic Dhé,
’S i torrach le dòchas an òg chruinne ché.
title | 2 |
internal date | 1868.0 |
display date | 1868 |
publication date | 1868 |
level | |
reference template | Laoidhean agus Dain %p |
parent text | Laoidhean agus Dain |