MUINGHINN ’S AN TIGHEARNA.
A Thighearna ’s a Dhia nan Dé,
A’d’ ionnsuidh féin gach uair
Grad thigeamsa ri airc a’s teinn,
Oir gheibh mi éisdeachd uait.
“Aon olc no urchaid a theachd orm
Ni h-eagal leam ’s ni’n càs;”
Oir fòir a’s furtachd ni thu orm,
’S cha dìobair thu gu bràth.
’N uair dh’fhailticheas an saoghal mi,
Gu furanach ’s gu blàth,
Do d’ ainm-sa moladh ìocaidh mi,
Oir uait tha ’ghean ’s a ghràdh.
’S ’n uair coimheach, iargalt dh’fhàsas e,
Fo smalan e ’s fo ghruaim,
Cha dochain call a chàirdeis mi,
Oir tha mo Charaids’ shuas.
A ghaol cha sir ’s cha seachainn mi,—
A chall cha dean mo chlaoidh;
’S e Dia mo dhìon, ’s na eisimeil
Bha, tha mi, ’s bidh a chaoidh.
Tha ’n saoghal carach, caochlaideach,
Ge h-aoidheil e ri uair;
Mar chuibhrionn e cha roghnaichinn,
Cha’ n fhaod e a bhi buan.
Mo sheilbh ’s mo chrannchur ’s Tusa iad,
A Thighearna, gu bràth,
’S cha dìobair thu gu buileach mi,
’S cha bhuin thu uam do ghràdh.
O! thigibh, faicibh ’s creidimh so,
Gur maith ’s gur milis Dia,
Cha dìobair e na chreideas ann,—
An clogad e ’s an sgiath.
title | 20 |
internal date | 1868.0 |
display date | 1868 |
publication date | 1868 |
level | |
reference template | Laoidhean agus Dain %p |
parent text | Laoidhean agus Dain |